Ionad-slàinte ùr sna Hearadh

Thòisich an obair airson ionad-slàinte a thogail sna Hearadh, le dùil gum fosgail e sa Mhàirt an ath-bhliadhna.

'S ann an taigh an dotair air an Tairbeart a bhios e, a tha an-dràsta air a bhith falamh 'son grunn bhliadhnaichean.

O chionn beagan mhìosan roghnaich Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gum b' fhiach atharrachaidhean mòra a dhèanamh ri taigh an dotair, airson 's gun gabhadh a chleachdadh mar ionad-slàinte far an deadh iomadh seirbheis a thoirt seachad.

Ged a tha pàirt den togalach na ionad-dotair, tha am pàirt air am bithear ag obair an-dràsta falamh, agus bha feum air obair mhòir 'son a dhèanamh goireasach gu leòr, le raon-parcaidh ùr, dà ionad fiaclair agus rùm-oifisean am measg nan leasachaidhean.

Frithealaidh an ionad na Hearadh air fad nuair a dh'fhosglas e an ath-bhliadhna.

Gluaisidh an ionad-doctaireachd theaghlaich bhon togalach a dh'aiteigin eile 'son trì mìosan aig deireadh na bliadhna 'son na h-atharrachaidhean deireannach, mus gluais iad uile a-steach 'son a' Mhàirt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile