Sgeama RET ga leudachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba Dimàirt gun tèid faraidhean RET a stèidheachadh air a h-uile aiseag air seirbheisean Chluaidh agus Innse Gall bhon Dàmhair an ath-bhliadhna.
Tha 14 de na seirbheisean sin nach eil an-dràsta fo sgeama an RET, a bharrachd air aiseig Eilean Arainn air an tòisich e san Dàmhair am-bliadhna.
Am measg nan seirbheisean air an tòisich an sgeama ann an 2015, tha aiseig Chaolas na Hearadh, Caolas Bharraigh agus an t-slighe eadar Malaig agus Armadail.
Chaidh RET a stèidheachadh air seirbheisean nan Eilean Siar, Colla agus Tiriodh ann an 2008, agus gu ruige Ìle, Colbhasa agus Giogha ann an 2012.
Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, gu bheil an sgeama a' toirt buannachd fhollaisich dhan eaconamaidh agus do thurusachd.
Bhon Dàmhair 2015, bidh faraidhean RET air na slighean a leanas:
- Beàrnaraigh - An t-Òb
- Barraigh - Èirisgeigh
- Sgonnsar - Ratharsair
- Malaig - Armadal
- Malaig - Eige - Eilean nam Muc - Rùm - Canaigh
- An t-Òban - Creag an Iubhair
- Tobar Mhoire - Cille Chomhghain
- Loch Àlainn - Fisinis
- Fionnphort - Eilean Ì
- An t-Òban - Lios Mòr
- Bàgh nan Uamh - Baile Bhòid
- Caol an t-Snàimh - Rubha a' Bhodaich
- An Leargaidh Ghallta - Cumaradh
- Tairbeart Loch Fìne - Port a' Mhadaidh