RET ga sgaoileadh

MV Coir' Uisg'
Image caption Thuirt an Riaghaltas gu bheil RET a' toirt buannachd fhollaisich don eaconamaidh.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun tèid faraidhean RET a chur air a h-uile aiseag air seirbheisean Chluaidh agus Innse Gall bhon Damhair an ath-bhliadhna.

Tha 14 de na seirbheisean sin ann nach eil an-dràsta fo sgeama an RET, a bharrachd air aiseag Eilein Arainn air an tòisich e san Damhair am-bliadhna.

Am measg nan seirbheisean air an tòisich an sgeama ann an 2015, tha aiseag Chaolas na Hearadh, Caolas Bharraigh, agus an t-slighe eadar Malaig agus Armadal.

Chaidh RET a steidheachadh air seirbhisean nan Eilean Siar, Colla agus Tiriodh ann an 2008 agus gu ruige Ìle, Colbhasa agus Giogha ann an 2012.

Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, gu bheil an sgeama a' toirt buannachd fhollaisich dhan eaconamaidh agus do thurusachd.