Gealltanasan mu chidhe Stafainn

Cidhe Stafainn
Image caption Bidh an t-ionad ann an làmhan na coimhearsnachd air a' cheann thall.

Tha a' chompanaidh a th' air cùl plana 'son leasachadh mòr a thoirt air adhart aig cidhe Stafainn san Eilean Sgitheanach an dòchas cead-dealbhachaidh iarraidh tràth an ath-bhliadhna.

Tha Skye Sea Harvest airson ionad-giollachd èisg a stèidheachadh ann, le gealltanas air suas ri 50 cosnadh.

Tha urras na sgìre ag obair còmhla riutha air modail gnìomhachais fo am faigheadh a' choimhearsnachd sealbh, air a' cheann thall, air a' ghnìomhachas agus na goireasan a bhiodh ann.

Chaidh coinneamh phoblach a chumail san sgìre oidhche Mhàirt, far an cuala a' choimhearsnachd bho riochdairean na companaidh agus Urras an Taobh Sear, mu mar a tha a' dol dhan phròiseact.

Goireasan turasachd

"Tha sinn a' coimhead gum bi a' choimhearsnachd a' togail an àite dhuinne, agus air a' cheann thall, 's e a' choimhearsnachd a bhios a' faighinn an airgid a bhios sinne a' dèanamh," thuirt Alasdair MacFhionghain, a tha na chomhairliche ionmhais, agus a tha ag obair do Skye Sea Harvest.

"Tha sinne a' coimhead air mar phròiseact airson na coimhearsnachd."

Tha Cathraiche Urras an Taobh Sear, Dòmhnall Dòmhnallach, ag ràdh nach e seada mòr uaine a bhios ann, ach togalach ùr-nodha le goireasan turasachd na chois, nach mill bòidhchead na làraich.

"Tha e cudromach dhuinne gun cùm sinn an sealladh a th' againn anns an àite eireachdail a tha seo, cho brèagha agus cho falainn agus is urrainn dhuinn.

"Ach aig an aon àm, tha sinn uabhasach toilichte gu bheil an gnìomhachas a tha seo a' coimhead air na cothroman a th' acasan airson obraichean a chruthachadh anns an sgìre, agus a' choimhearsnachd a tha seo a thoirt air adhart, agus iad a bhith mar phàirt den tachartas a tha seo," thuirt e.

Bha mu 50 duine an làthair aig a' choinneimh, agus ged a bha ceist no dhà aca, cha do nochd duine aca iomagain.

Thugadh barrantas nach tigeadh truailleadh às an ionad dhan mhuir, agus gun toirte salchair air falbh air rathad ùr a bhios mar phàirt den sgeama.

Thèid an cidhe 's an laimrig a leudachadh cuideachd, agus chuala a' choinneamh gur e am pròiseact seo - co-bhanntachd le companaidh choimearsalta - an aon dòigh sin a choileanadh.

Tha dùil gun cosg an obair co-dhiù £9m.

"Thig sin bho dhiofar àiteachan, tha mi gu math cinnteach nach tig e bho aon àite leis fhèin," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Ach aig an ìre seo tha sinn a' faighinn ghuthan gu math làidir a' toirt taic dhuinn a chumail a' dol, agus tha sinn dòchasach aig deireadh an là gun tig aig a' choimhearsnachd fhèin air na tha a dhìth de dh'airgead a thogail - chan e a-mhàin airson an ionaid-obrach a tha seo, ach cuideachd airson leasachadh a dhèanamh air a' chidhe agus na goireasan mun cuairt air.

Cothrom caillte

A rèir rannsachaidh a rinn an t-Urras, 's e an cidhe a leasachadh as motha a dh'iarr a' choimhearsnachd.

Thug fear a bhios a' cleachdadh a' chidhe gu tric, Lachaidh MacIllÌosa, comhairle don t-sluagh gun a bhith a' cur an aghaidh nam molaidhean air eagal 's gun caill iad an cothrom, mar a chaill bho chionn 100 bliadhna nuair a bha deasbad ann mu far am bu chòir cidhe mòr a bhith anns a' cheann a tuath.

"Chaidh e a dh'Ùige. 'S ann a Stafainn a bha còir aige a bhith.

"Agus cha do dh'aontaich na daoine. Cha robh aonachd ann.

"Agus dè thachair? Chaidh an cidhe a dh'Ùige an uair sin, 's dè fhuair iad? Fhuair laimrig bheag, 's bha na daoine an uair sin toilichte gu leòr le sin. Bha rud beag air choireigin aca.

"Ach nan robh iad air a bhith aonaichte, bha an cidhe air a bhith an Stafainn, agus 's dòcha gur ann an sin a bhiodh CalMac a' tadhail an-diugh," thuirt e.

Fhuair muinntir an àite gealltanas gum bi cothrom gu leòr aig muinntir an àite am beachdan a thoirt seachad, agus gun tèid èisteachd riutha.

"Tha sinn airson buannachd fhaicinn airson a' ghnìomhachais a-mach à seo. Ach cuideachd, gu sònraichte mar urras, tha sinn ag iarraidh gun tig tòrr chothroman dhan choimhearsnachd 's gum bi an leasachadh a tha seo freagarach airson a' choimhearsnachd a tha seo a chur air clàr mar gum biodh, mar àite far am faigh daoine a dhol a-mach a sheòladh, far am faigh iad air a dhol a-mach a dh'iasgach, far am bi goireasan ceangailte ris a' mhuir ri fhaotainn," thuirt Dòmhnall Dòmhnallach.

"'S e pròiseact leth-char mòr a tha seo, 's feumaidh sinn a bhith a' ceangail a-steach ri beachdan na coimhearsnachd.

"'S thig sinn air ais uair is uair gus am faigh sinn seo ceart," thuirt e.