Ola is gas aig cridhe an deasbaid: Pàirt 2

Crann-ola sa Chuan a Tuath Image copyright Getty Images
Image caption Anns a' Phàipear Gheal, tha an SNP a' moladh stòras a chruthachadh leis na th' air fhàgail de dh'airgead na h-ola, mar a rinn Nirribhidh bho chionn 20 bliadhna.

Anns an dàrna pàirt de thrì a' coimhead air gnìomhachas na h-ola 's a ghas ann am bliadhna an Referendum, tha Iain MacIllEathain a' toirt cunntais air na fhuairear ann an Nirribhidh - dùthaich a tha ga comharrachadh mar eisimpleir air feum a dhèanamh de dh'airgead ola.

Aig deireadh nan 80an, bha gnìomhachas na h-ola a' strì ri crìonadh mòr a dh'fhàg deugachadh chrann ola nan laighe bàn ann an Linne Chrombaigh.

Bhathas cuideachd a' caoidh 167 duine a chaill am beatha ann an sgrios Phiper Alpha.

Aig deireadh nan 80an agus toiseach nan 90an, air taobh eile a' Chuain a Tuath, bha suidheachadh eadar-dhealaichte a' tighinn gu buil.

'S ann an roinn Nirribheach a' Chuain a Tuath a chaidh ola a dhearbhadh an toiseach, ach cha robh an eaconamaidh an sin faisg air cho mòr 's a bha eaconamaidh Bhreatainn aig an àm.

Ann an 1990, chaidh co-dhùnadh cuid den airgead a bha a' tighinn a-steach bho ghnìomhachas na h-ola a chur mu seach, agus thòisichear a' pàigheadh a-steach ann ann an 1996.

Tha e a-nis am measg nam maointean as motha san t-saoghal de a sheòrsa. Tha luach leth-trillean not ann an-diugh - sin trillean Kroner Nirribheach dhan a h-uile duine san dùthaich. 'S e an "Government Pension Fund Global" a th' air an-diugh, agus tha earrainnean aige ann am mòran rudan.

Earrainnean

Tha na h-uimhir aca ann am bùithdean mòra ann am Breatainn - tha 5% aca ann an Tesco, mar eisimpleir, agus ann am Facebook, ged a tha am poileasaidh moraltachd aca a' cur stad orra earrainnean a ghabhail ann am buidhnean eile.

Image caption Bha Farouk al-Kasim an sàs ann a bhith a' stèidheachadh maoin ola an Nirribhidh.

Chaidh mìneachadh dhuinn gun robh adhbhar làidir aig Nirribhidh a' mhaoin a thòiseachadh. 'S e fear aig an robh gnothaich mhòr ris an sin, Farouk al-Kasim, a bha a' bruidhinn rinn. Tha a sgeulachd fhèin air leth inntinneach, agus mhìnich esan dhuinn gun robh e deatamach dhaibhsan an t-airgead a shàbhaladh.

"Cha do thog meud an airgid an taca ri meud na h-eaconamaidh ann am Breatainn, cunnart sam bith. Tha an eaconamaidh cho mòr 's gun gabh e ri airgead na h-ola gun duilgheadas sam bith.

"Tha sinn a' bruidhinn air beagan phercentages. Bho thaobh Nirribhidh, ri linn 's gu bheil Nirribhidh gu math nas lugha, tha an eaconamaidh gu math beag, bhiodh an t-airgead gu litearail mar sheòrsa tsunami a' sguabadh air falbh 's a' milleadh nan gnìomhachasan eile ann an Nirribhidh.

"Mar sin, dh'fheumadh Nirribhidh i fhèin a dhìon bhon tsunami sin. Ann am Breatainn cha robh air a bhith ann ach suaile beag 's dòcha, ach cha bhiodh e na bu mhotha na sin," thuirt e.

Peinnseanan

Anns na 60an, mus tàinig an ola a thug uimhir de dh'atharrachadh air an dùthaich, ghluais Màiri NicNèill Lande gu baile Stavanger. Bhon taigh aice a-muigh air an dùthaich air iomall a' bhaile, dh'innis i dhuinn gu bheil an stòras a' toirt cofhurtachd do dhaoine leis gu bheil e a' dearbhadh an cuid pheinnseanan.

"Tha a' chuid as motha de na daoine seo toilichte gu leòr mar a tha. Agus thathas a' smaoineachadh gun coimheadar às ar dèidh cuideachd air sàillibh mar a chanas iad a-nis 'Pension Fund', sin an 'Oil Fund' a bh' ann an-toiseach.

"Tha tacsa ann. Dìreach mar ann an 2008, nuair a chaidh a h-uile sgath ceàrr an Aimeireaga, Breatainn 's an Roinn Eòrpa, air sàillibh gun robh an 'oil fund' againn le na h-uimhir ann, cha ruigeadh iad a leas creic a' fund 's a h-uile sgath a sin, cha robh aca ach suidhe ann chionn 's bha sin ann.

Image caption Anns na 60an, mus tàinig an ola a thug uimhir de dh'atharrachadh air an dùthaich, ghluais Màiri NicNèill Lande gu baile Stavanger.

"Mar sin, nis nuair a tha gnothaichean a' fàs nas fheàrr a-rithist, tha iad gu math dheth," thuirt i,

An-dràsta, faodaidh Nirribhidh 4% den riadh air an stòras a chosg anns a' bhliadhna. 'S e fhathast cnap mhòr airgid a tha sin. Tha e cho mòr gu dearbha, 's gu bheil cuid airson an àireamh sin a ghearradh, neo 's dòcha an stòras fhèin a bhriseadh an-àirde 's deiligeadh ris ann an dòigh eadar-dhealaichte.

Thuirt Màiri gu bheil mòran ag iarraidh gum faicear barrachd dheth ga chur gu feum.

"Tha feadhainn ag ràdh, a' chuid as motha an seo, gun gabhadh barrachd a chosg - gu h-àraidh air rathaidean. Chì sibh, chan eil na rathaidean san dùthaich seo ann an sheo, dh'fhaodadh iad a bhith gu math na b' fheàrr.

"Na h-ospadail, nan cuireadh iad barrachd airgid ann an sin. Chionn 's, tha iad ag ràdh 'feumaidh sinn an t-airgead a chumail airson an fheadhainn a tha ri tighinn', ach nan cosgadh iad an-dràsta cuideachd, chuidicheadh e gu leòr," thuirt i.

Sàbhaladh

Tha 20 bliadhna air a bhith aig Nirribhidh a' pàigheadh a-steach dhan stòras, agus tha e air fàs agus air fàs bhon uair sin. A bheil na h-eòlaichean an sin a' smaoineachadh gum b' fhiach e do dh'Alba a dhèanamh a-nis?

Image caption Tha Bjørn Vidar Lerøen na stiùiriche air buidheann na h-ola 's a ghas ann an Nirribhidh.

Fhuair sinn beachd nach e droch rud a th' ann aig àm sam bith airgead a shàbhaladh. Seo na thuirt Bjørn Vidar Lerøen, a tha na stiùiriche air buidheann na h-ola 's a ghas ann an Nirribhidh, 's a bha roimhe aig companaidh ola na stàite, Statoil.

"Tha mi den bheachd gu bheil e ciallach cuid den airgead a shàbhaladh airson na ginealachan ri teachd, gnìomhan ri teachd agus peinnseanan ri teachd, mar eisimpleir.

"Tha mi a' creidsinn gum feum a h-uile dùthaich an slighe fhèin a ghabhail. Tha e cudromach, na mo bheachd-sa, mar a rinn sinne an seo an Nirribhidh, gu bheil làmh aig a h-uile duine anns na stòrasan ola agus gur ann aig an stàit a tha an cumhachd air na goireasan seo.

"Tha e riatanach cuideachd gu bheileas gan cleachdadh ann an dòigh nach dèan cus cron air an àrainneachd neo an aimsir," thuirt e.

Bha Torfinn Ingeborgrud bhon Phàrtaidh Uaine ann an Stavanger ag aontachadh gun fhiach airgead a shàbhaladh - cho fad 's gum bi thu cinnteach dè nì thu leis.

"Tha e ciallach maoin ola a bhith ann, ach tha e a' feumachdainn adhbhair. Agus feumaidh fios a bhith agad nach mair an ola 's an gas às a bheil airgead a' tighinn an-dràsta.

Maireannach

"Mar sin feumar airgead a chur an sàs san aithghearrachd ann an rudeigin maireannach. 'S e sin, feumar airgead a chur an-sàs cho luath 's a ghabhas ann an rudan a ghabhas a ghlèidheadh, 's às an tig teachd-a-steach sna bliadhnaichean a th' air thoiseach," thuirt Mgr Ingeborgrud.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Rathad an Referendum: Ola is Gas

'S e an t-seòrsa rud a th' ann, a-reir Farouk al-Kasim, a dh'fheumas mòran sgrùdaidh, 's mòran smaoineachaidh.

"S e an aon chomhairle a th' agam air an seo, feuch gun coimhead sibh air a' chùis gun taobhadh. Tha an t-uabhas fiosrachaidh agus tomhasan ri dhèanamh mus tigear gu co-dhùnadh sòbara air an seo.

"Mhìnich mi an adhbhar airson maoin a stèidheachadh ann an Nirrbhidh. A bheil na h-aon adhbharan ann? An e an t-àm cheart a th' ann? Tha an t-uabhas cheistean ann a dh'fheumas am freagairt ann an dòigh adhartach," thuirt Mgr al-Kasim.

Tha aon rud cinnteach, chan eil càil a dhìth cheistean air an seo ann an Alba.

Anns anath aithris, bidh sinn a' coimhead air na bh'aig an luchd-poileataigs agus na h-eòlaichean ann an Alba ri ràdh, mu na dh'fhaodadh a bhith ri teachd airson a' ghnìomhachais an seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo