Ola is gas aig cridhe an deasbaid: Pàirt 3
- Air fhoillseachadh

Anns an treas pàirt den chunntas air na fhuaireas tro a bhith a' dèanamh phrògram air gnìomhachas na h-ola 's a' ghas ri linn an referendum air neo-eisimealachd, tha Iain Mac IllEathain a' toirt sùil air na tha an dà thaobh san deasbad, agus eòlaichean ola, ag ràdh ma dheidhinn.
Dè na th' air fhàgail de dh'ola fon Chuan a Tuath? Ceist mhòr a tha sin, 's an dà thaobh san deasbad air neo-eisimeileachd ga chur an lùib nan argamaidean eaconamach aca.
Anns a' Phàipear Gheal air neo-eisimeileachd, tha am Pàrtaidh Nàiseanta a' tomhas gum faodadh 24 billean barail a bhith air fhàgail, 's tha tomhas a fhuair sinn bho Bhuidhinn na h-Ola 's a' Ghas a' tomhas an aon seòrsa àireimh.
Tha seo cudromach, 's an SNP a' moladh gun tòisichear air a' chiad là de neo-eisimeileachd - 2016 ma chuireas daoine taic ris - a' cur airgid ma seach ann an stòras ola.
Bidh na gheibhear bhon sin an crochadh air na tha de dh'ola air fhàgail, agus air a' phris a gheibhear air a son.
Tha an Riaghaltas aig Westminster a' tomhas gu bheil an teachd-a-steach bho ghìomhachas na h-ola a' dol a thuiteam uimhir 's gum feumadh airgead a ghabhail air iasad airson a' mhaoin a thòiseachadh.
Dè dìreach a tha an dà thaobh ag ràdh?
'S ann air feasgar fliuch, robach, fiadhaich a choinnich sinn ris a' Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond.
Bha e ann an Steòrnabhagh airson fosgladh oifigeil nan oifisean craolaidh ùra air Rathad Shìophort sa bhaile.
Gu fortanach, fhuair sinn an cothrom na ceistean againn a chur air mus deach an dealain a ghearradh dheth air feadh a' Chinn a Tuath.
Dh'fhaighneachd sinn dha dè a thathas a' moladh a dhèanamh?
"Tha sinn a' moladh dà stòras ola a chruthachadh.
"'S e maoin chothromachaidh a bhiodh ann an tè dhiubh. 'S e tha thu a' dèanamh ach a' sùileachadh prìsean ola an ìre mhath ìosail, 's ann am bliadhnaichean sam faigh thu barrachd na sin, tha a' bharrachd a' dol a mhaoin a chothromaicheas na bliadhnaichean anns nach fhaighear uimhir.
"'S e maoin earrainn a tha san dàrna tè. 'S e tha thu a' dèanamh leis an sin ach feitheamh gum bi an t-ionmhas poblach ann an suidheachadh - chanadh a' mhòr-chuid nas lugha na 3% iasadan de GDP," thuirt Mgr Salmond.
Thuirt e gur e an rud ceart a th' ann a dhèanamh, a' comharrachadh an £500,000m a tha a-nis ann am maoin ola Nirribhidh.
Ola a' crìonadh
Tha Westminster ag ràdh ge-tà, gur ann a tha an ola a' crìonadh, 's gum bi an t-airgead a thig na cois a' crìonadh dha rèir.
Bhruidhinn sinne ri Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil. San oifis aige ann am prìomh-bhaile Arcaibh, Kirkwall, mhìnich e dhuinn am prìomh dhragh a th' air Nas Fheàrr Còmhla mun phlana airson maoin ola a chruthachadh.
"Ma thòisicheas tu a' sàbhaladh, 's e airgead a tha sin nach eil agad an uair sin airson a chosg san là a th' ann. Agus 's e sin am prìomh dhùbhlan dha na Nàiseantaich.
"Tha na figearan a tha iadsan a' cur air adhart, a rèir choltais, a' sealltainn gun urrainn dhut an dà chuid a dhèanamh. Tha fhios againn, ann an da-rìreabh, nach urrainn.
"Faodaidh tu an dàrna cuid an t-airgead a shàbhaladh, no a chosg, agus mur a h-eil thu a' dol ga chosg, bidh feum air fhaighinn air iasad à badeigin eile. Dhomhsa, chan eil sin a' dèanamh ciall," thuirt Mgr MacIlleMhìcheil.
Tha an t-Àrd-Oll. Alex Kemp air deugachadh bhliadhnaichean a chur seachad a' sgrùdadh gnìomhachas na h-ola.
Sgrìobh e eachdraidh a' ghnìomhachais agus tha fios mionaideach aige air na ghabhas fhaighinn bhon Chuan a Tuath (nuair a tha sinn a' bruidhinn air a' Chuan a Tuath san t-seagh seo - a thaobh ola - 's e mòr-thìr Bhreatainn - an UK Continental Shelf air a bheil sinn a-mach).
Dh'innis esan dhuinn gur e fìor dheagh oidhirp a bhiodh ann 15 billean barail de dh'ola fhaighinn às a ghrunnd, agus gum biodh a' mhòr-chuid dheth ri fhaotainn ann an uisgeachan a bhuineadh do dh'Alba, nam biodh an dùthaich neo-eisimeileach.
Mì-chinnt
Agus dè mu dheidhinn an deasbaid fhein? Cluinnear aig àmanan gu bheil a' mhì-chinnt a tha na chois a' cur frionasachd ann an gnìomhachasan 's eile.
Tha margaidhean ola gu math dualtach a bhith ag èirigh 's a' tuiteam, ri linn tachartasan an t-saoghail. Dh'fhaighneachd sinn den eòlaiche eaconamachd ola, Aonghas MacNeacail, co-dhiù tha an deasbad a tha seo a' cur dragh air na margaidhean.
"Tha an Cuan a Tuath cudromach airson Alba, Breatainn agus an Roinn Eòrpa. 'S e an rud, ma tha cunnartan ann le Energy Security Supply, 's e rud uabhasach math a th' ann dhan Roinn Eòrpa gu bheil an Cuan a Tuath Breatannach, agus dh'fhaodadh e a bhith Albannach cuideachd.
"Tha e cudromach airson 's gu bheil, gun teagamh, gnìomhachas a' Chuain a Tuath cudromach anns an Roinn Eorpa, ach chan eil an SNP air càil a ràdh a chuireadh feagal, na mo bheachd-sa, air muinntir na margaidh anns an Roinn Eorpa, mun a sin," thuirt Mgr MacNeacail.
Tha am Prìomh Mhinistear ag ràdh gur e nàdar bònas a bhiodh ann an airgead na h-ola do dh'Alba, gur e fàs san fharsaingeachd a bhiodh na bhun-stèidh air an eaconamaidh.
Dè bhiodh stòras ola sam bith a' ciallachadh?
"Tha e a' ciallachadh, nuair a dh'fhaighnicheas daoine san àm ri teachd - 'dè cho fada 's a mhaireas an ola 's an gas agaibh?' - chan e 50 bliadhna a th' ann, ach a chaoidh, air sgàth 's gum mair an stòras.
"Sin an suidheachadh anns a bheil Nirribhidh, agus sin an suidheachadh sam faodadh Alba a bhith, ma ghabhas sinn an dàrna cothrom seo," thuirt Mgr Salmond.
Ach, chan eil Nas Fheàrr Còmhla a' faicinn na cùise mar sin ann. Tha an cothrom sin seachad a rèir Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil.
"S e fìrinn na cùise, gu bheil an ùine seachad. Feumaidh sinn dèiligeadh ris an t-saoghal mar a tha sinn ga fhaighinn a-nis, 's nuair a bhruidhneas daoine rium mu bhith a' stèidheachadh maoin bheartais san àm ri teachd, feumaidh mi a ràdh gu bheil glè bheag de chothroman ann.
"Ma choimheadas tu air na h-àireamhan a tha a' laighe fon mholadh, 's e gheibh thu, gum feumar airgead a ghabhail air iasad bho na margaidhean airson a' mhaoin a stèidheachadh sa chiad àite," thuirt Mgr MacIlleMhìcheil.
An gabhadh maoin ola a stèidheachadh le Alba às dèidh neo-eisimleileachd ma-tha? Tha Nas Fheàrr Còmhla den bheachd nach e rud ciallach a bhiodh ann, gu bheil an t-àm seachad, 's nach bi airgead gu leòr ann a dhèanamh.
Tha am Pàrtaidh Nàiseanta ge-tà, ag ràdh gun gabhadh agus nach bu chòir an cothrom a chall a-rithist, 's dùil ri ola gu co-dhiù meadhan na linne.
Tha cothrom agaibhse beachd a thoirt air a h-uile cail a th' ann san t-Sultain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Cèitean 2014
- Air fhoillseachadh28 An Cèitean 2014