Air iomall na Roinn Eòrpa

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Muinntir Árainn Mhóir air bhòtadh

Chuaigh mi gu Árainn Mhór far costa an Iar Dhún na nGall airson bruidhinn ri eileanaich air thoiseach air an taghadh Eòrpach.

Bhòtaidh muinntir Árainn Mhóir agus Thoraigh là ro dhuine sam bith ann am Poblachd na h-Èirinn gus dèanamh cinnteach gun ruig na bogsaichean-baileit tìr-mòr far an tèid an cunntadh.

Fhuair mi fearg leis a' chasg air iasgachd a' bhradain a chuir an riaghaltas ann am Baile Áth Cliath orra às dèidh dùbhlain bhon Choimisean Eòrpach.

A-mach air iomall na Roinn Eòrpa, 's ann iomallach a tha daoine a' faireachdainn.