Taic-airgid do dh'Urras Oighreachd Chàrlabhaigh

Càrlabhagh Image copyright David Maclennan/Geograph
Image caption Tha Oighreachd Chàrlabhaigh sgapte thairis air diofar bhailtean anns an sgìre, agus tha Abhainn Chàrlabhaigh a' ruith troimhpe.

'S dòcha nach fhada a-nise gus am bi Oighreachd Chàrlabhaigh ann an làmhan na coimhearsnachd.

Tha Urras Oighreachd Chàrlabhaigh a' faighinn £207,000 bho Stòras an Fhearainn airson cuir ris an iomairt aca.

Tha gealltanas aca a-nis air an airgead air fad a tha a dhìth orra airson a ceannach.

A rèir Choinnich MhicIllinnein bhon Urras, 's ann nuair a gheibh iad am fearann a thòiseachas an obair mhòr.

Bhòt

Bho chionn dà mhìos bhòt muinntir an àite, cha-mhòr gu h-aona-ghuthach, airson sealbh a ghabhail air an oighreachd.

Tha Oighreachd Chàrlabhaigh sgapte thairis air diofar bhailtean anns an sgìre, agus tha Abhainn Chàrlabhaigh a' ruith troimhpe.

Tha iomadach baile ann, eadar pàirtean de Chàrlabhagh, Breascleit agus Tolastadh a' Chaolais.

Tha an t-uachdaran, an teaghlach Galloway à Steòrnabhagh, air a ràdh gu bheil iad deònach a reic ris a' choimhearsnachd.

Chaidh luach £180,000 a chur air an oighreachd.

Pàrlamaid na h-Alba

Air feasgair Diardaoin ann am Pàrlamaid na h-Alba, dh'innis Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gun robh Urras Oighreachd Chàrlabhaigh a' dol a dh'fhaighinn £207,000 bho Stòras Fearainn na h-Alba gus an oighreachd a cheannach.

Chuir an Urras fàilte air an naidheachd seo.

"Tha sinn air leth toilichte gun d' fhuair sinn sin. Tha sin a' ciallachadh gum faigh sinn air a dhol air adhart agus an oighreachd a cheannach," thuirt Mgr MacIllinnein.

"Tha sinn den bheachd gum bi buananchd ann ri linn an oighreachd fhaighinn.

"Tha e a' ciallachadh gum faigh sinn air rudan a chur air adhart a bhios gu buannachd na h-oighreachd air fad, agus na daoine a tha a' fuireach air an oighreachd.

"Mar a tha mise a' faicinn an rud a-nis a' tighinn gu ìre, 's ann a-nis a tha an obair mhòr a' tòiseachadh," thuirt e.

Brosnachadh

Tha BP nan Eilean Siar air Holyrood, Alasdair Allan, a' moladh am brosnachadh a gheibh an iomairt ri linn an ionmhais.

"'S e cothrom a th' ann airson a h-uile seòrsa gnìomhachas a tha a' choimhearsnachd fhèin ag iarraidh. Tha na co-dhùnaidhean sin ann an làmhan muinntir na sgìre fhèin," thuirt e.

Tha a h-uile coltas ann a-nis gum bi cùisean a' gluasad gu cunbhalach do mhuinntir Oighreachd Chàrlabhaigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo