Sealladh nan Làbarach

Johann NicLaomainn Image copyright PA
Image caption Thuirt Johann NicLaomainn gum biodh e gu maith na h-Alba cumail ag obair ann an com-pàirteachas le ar nàbaidhean.

Foillsichidh Pàrtaidh Làbarach na h-Alba an iomairt oifigeil aca airson Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte oidhche Mhàirt.

Bidh ceannard nan Làbarach an Alba, Johann NicLaomainn, agus an t-seann Phrìomhaire Gòrdan Brown am measg na bhios an làthair, 's iad ag ràdh gu bheil an Alba a tha iadsan a' miannachadh gu tur eadar-dhealaichte bho shealladh an SNP agus nan Tòraidhean.

Thuirt Ms NicLaomainn gum biodh e gu maith na h-Alba "cumail ag obair ann an com-pàirteachas le ar nàbaidhean."

Ach thuirt Bob MacThòmais, a bha roimhe na chathraiche air Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, gum biodh neo-eisimeileachd na h-Alba na bhuannachd do dh'Alba agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

Air thoiseach air railidh nan Làbarach ann an Glaschu, thuirt Ms NicLaomainn: "Ann am beagan is 100 là, thig muinntir na dùthcha còmhla gus co-dhùnadh a dhèanamh mun àm ri teachd agus tha sinne den bheachd gum biodh e gu maith na h-Alba cumail ag obair ann an com-pàirteachas le ar nàbaidhean.

Nas ciallaiche

"Tha Alba mar-thà na dùthaich le pàrlamaid làidir aig a bheil smachd air gnothaichean a tha gu mòr a' cunntadh ann am beatha dhaoine, leithid sgoiltean, ospadail agus obraichean.

"Ach tha sinne a' creidsinn gum biodh e nas ciallaiche rudan eile a cho-rionn mar phàirt de dhùthaich de 60 millean seach 5 millean, a' toirt dhuinn a' chinnt agus na tèarainteachd eaconamaich a dh'iarramaid."

Thuirt Mgr MacThòmais, mar bhall den Phàrtaidh Làbarach agus fear de phrìomh bhuill na buidhne Làbaraich airson Neo-eisimeileachd, nach eil esan idir ag aontachadh le Gòrdan Brown agus Johann NicLaomainn.

"An àite dèiligeadh ri riaghaltasan Tòraidheach dha nach do bhòt Alba, bhiodh ath-chothromachadh de chumhachd eaconamach sna h-eileanan seo, air falbh o ghrèim teann Lunnainn - agus Alba neo-eisimeileach a tha a' lìbhrigeadh prògraim phoileasaidh adhartaich - buannachdail an dà chuid tuath is deas air a' chrìch," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile