Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Cèitean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thòisich an iomairt fhoirmeil airson referendum neo-eisimeileachd na h-Alba an-diugh. Eadar seo agus an 18mh là den t-Sultain feumaidh pàrtaidhean poileataigeach agus buidhnean eile a tha an sàs anns an deasbad cumail ri lagh air na chosgas iad air an iomairt. Agus tha riaghailtean teann a thaobh cothromachd air buidhnean craolaidh cuideachd.

Doire

Chaidh droch mhilleadh a dhèanamh air taigh-òsta ann an Doire ann an Èirinn a Tuath nuair a spreadh bom-teine nuair a bha sgioba an airm a' feuchainn ri a smàladh. Dh'fhàg duine, air an robh clogaid a' falach aghaidh, am bom ann am baga ann an Taigh-Òsta an Everglades a-raoir. Cha deach duine a ghoirteachadh.

Chilcot

Thuirt an t-seann Phrìomh Mhinistear Tòraidh, Sir John Mayor, gur e tàmailt a th' ann nach bi Rannsachadh Chilcot air cogadh Irac a' foillseachadh làn leth-bhreac den chòmhradh eadar Tony Blair agus Seòras Bush. Thèid earrainnean den chòmhradh a sgaoileadh, ach thuirt Sir John nach bi daoine riaraichte gus am faigh iad am fiosrachadh gu lèir.

A96

Tha Pàrtaidh Uaine na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' càineadh a' phlana as ùire aig Riaghaltas na h-Alba airson rathad air iomall Inbhir Nis, a bhiodh a' ceangal an A9 aig cearcall-rathaid Bhaile a' Ghobhainn ris an A9 faisg air na h-Innseagan. Tha am Pàrtaidh Uaine ag ràdh gun dèan an sgeama cron air an àrainneachd agus gum biodh e na b' fheàrr an £30m a chosg an àiteigin eile.

Earra-Ghàidheal

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh, gum bu chòir coimhead a-nise ri foghlam Gàidhlig a leasachadh ann an Earra-Ghàidheal. Bha e a' bruidhinn agus obair air tòiseachadh air bun-sgoil Ghàidhlig ùr a thogail sa Ghearasdan. Agus chaidh innse gun tèid Oifigear Foghlaim Gàidhlig fhastadh as t-Samhradh a bhios ag obair do Chomhairle na Gàidhealtachd agus do Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.

Hiort

Tha sgioba de dh'ochdnar às an Eilean Sgitheanach air Hiort fhàgail anns a' mhadainn an-diugh agus iad ag iomradh às an sin air ais a Phort Rìgh. Tha iad a' dèanamh na slighe ann an seann sgoth fhiodh, anns am bheil 20 troigh de dh'fhaid, agus a chaidh a càradh airson an turas. Tha iad ag aithris gu bheil an aimsir air a bhith fàbharach gu ruige seo, agus iad ag amas air a bhith air ais ann am Port Rìgh an ath-oidhche.