Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh tubaist rathaid

Published

Chaidh fireannach aois 74 bliadhna a thoirt dhan ospadal 's e air a dhroch ghoirteachadh ann an tubaist rathaid san Eilean Sgitheanach.

Thuirt na poilis gun do thachair an tubaist, eadar motor-baidhsagal BMW agus càr Peugeot, air an A87, faisg air Earlais, mu 09:27 air madainn Diardaoin.

Chaidh an duine a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha na poilis a' sgrùdadh na cùise is dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh brath a chur thuca.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh