Pìoban uisge ùra dhan Rubha
- Air fhoillseachadh

Tha Uisge na h-Alba air tòiseachadh a' deasachadh airson pìoban uisge ùr a chur dhan Rubha ann an Leòdhas.
Tha mòran ghearainean air a thighinn às an sgìre bho chionn grunn bhliadhnaichean, nach eil sruth làidir gu leòr a' tighinn tro na pìoban.
Thèid pìoban nas motha a chur an sàs agus tha Uisge na h-Alba ag ràdh gun geàrr seo sìos air cho tric 's a bhios an t-uisge dheth.
Tha Uisge na h-Alba air cùmhnant a thoirt do chompanaidh MhicAmhlaigh à Aisgeirnis airson còrr is 2,000 meatair de phìob ur a chur sìos am Bràighe, a' dèanamh ceangal às ùr eadar an Rubha agus siostam uisge Eilean Leòdhais.
Cosgaidh am pròiseact £180,000 agus tha dùil gun tòisich an obair ann an cola-deug.
Pìoban nas motha
Thèid pìob deich òirlich a chur an sàs an àite an t-seann phìob ochd òirlich a th' ann an-dràsta, a chaidh a chur an sàs bho chionn 60 bliadhna, agus leigidh seo do bharrachd uisge sruthadh troimhpe.
Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gum bi seo a' ciallachadh nach bi pìoban ag aoidion cho tric, agus nach bi daoine às aonais uisge.
Tha gearainean air a bhith air feadh na sgìre bho chionn bhliadhnaichean nach robh am uisge a' sruthadh mar bu chòir, agus gun robh amannan ann far nach obraicheadh frasan is innealan-nighe.
Chan eil fhios fhathast cuin a thèid pìoban ùra a chur bho phìob mhòr na sgìre dha na bailtean fa leth.