Taghadh Chupa na Camanachd
- Air fhoillseachadh

Thèid Caol Bhòid gu Lòbhat no Ceann a' Ghiuthsaich san ath-chuairt de Chupa na Camanachd, is iad air Bail' Ùr an t-Slèibh a chur a-mach às an fharpais aig an deireadh-sheachdain.
Bidh na Sgitheanaich an ìre mhath riaraichte leis an taghadh acasan is Cill Mhàillidh gus tadhal air Port Rìgh.
Tha geama aig an taigh cuideachd aig Ceann Loch Seile is iadsan an aghaidh a' Ghearasdain.
Sa gheama eile bidh Gleann Urchadain aig an taigh an aghaidh Inbhir Nis no Inbhir Aora.
Bidh na geamaichean ann air an 5mh den Iuchar.
Doirbh
'S e taghadh doirbh a th' ann do Chaol Bhòid a-rithist às dèidh dhaibh am Bail' Ùr - a rinn a' chùis air sgioba Thaigh na Bruaich sa chuairt dheireannaich an-uiridh - a chur a-mach Disathairne.
Chuir Roberto Zavaroni Caol Bhòid air thoiseach às dèidh 65 mionaidean ach bha coltas ann gun robh am Bail' Ùr air cothrom fhaighinn an geama a thoirt air ais gu Bàideanach nuair a chuir Steaphan Dòmhnallach tadhal le 6 mionaidean air fhàgail.
Anns na buillean mu dheireadh ge-tà, chuir Cailean Dòmhnallach sgioba Thaigh na Bruaich troimhe le slaic a dh'fhàg an sluagh mòr aig a' gheama air an dòigh.
Ghabh na Sgitheanaich an rathad fada gu deas ach bha cùisean an ìre mhath furasta dhaibh an aghaidh Eilean Bhòid, sgioba nach eil a' dol ro mhath idir am bliadhna.
Shockie
Thàinig na tadhail bho Shockie MacIllinneinn (2) is Coinneach Caimbeul ach bidh fios aig na Sgitheanaich gum faigh iad geama nas duilghe bho Chill Mhàillidh.
Ghluais Cill Mhàillidh fhèin air adhart 4-0 an aghaidh Bhaile a' Chaolais, na tadhail air fad san dàrna leth.
Rinn Ceann Loch Seile a' chùis 1-0 air a' Mhanachainn, Jordan Friseal le slaic-peanais is cairteal na h-uaireach ri dhol.
Chaidh an Gearasdan tadhal air deireadh sa chiad mhionaid an aghaidh Chabhar Fèidh ach tha e coltach gun do dhùisg sin iad is chaidh na tadhail a fhrasadh a-steach, balaich Loch Abair troimhe 7-3 air a' cheann thall.
Shuas an rathad ann an Drochaid an Aonachain, chaidh Loch Abar air thoiseach tràth cuideachd an aghaidh Ghleann Urchadain.
Strì
Tha sgioba a' Ghlinne a' dol glè mhath ge-tà, is thàinig iad air ais 'son glèidheadh 5-3. Droch sheusan aig Loch Abar thuige seo is strì rompa an t-àite sa Phrìomh Lìog a chumail.
Bidh an dà gheama eile san dàrna chuairt ann Disathairne seo tighinn; Lòbhat a' cur fàilte air Ceann a' Ghiuthsaich is Inbhir Nis aig an taigh an aghaidh Inbhir Aora.
Dh'fhulaing Lòbhat buille Disathairne is iad a' fàiligeadh nan oidhirp tilleadh gu mullach na Prìomh Lìge ri taobh Bhail' Ùr an t-Slèibh.
Bha iad air thoiseach 2-0 aig leathach-slighe ann an Inbhir Aora le tadhail bho Ghraeme Mac a' Mhaoilein is Jamie MacMhathain, ach thill sgioba Earra-Ghàidheal tro Niall Caimbeul is Lewis MacNeacail.
Chuir Mac a' Mhaoilein Lòbhat an uair sin air ais air thoiseach (77) ach le diogan air fhàgail chuir MacNeacail an dàrna tadhal aige den fheasgar is an geama a' crìochnachadh 3-3.
Deagh naidheachd
Beagan deagh naidheachd do Bhail' Ùr an t-Slèibh a bha sin air droch là dhaibh.
Rinn dàrna sgioba an Eilein Sgitheanaich adhartas ann an Cupa Shrath Èireann, 4-0 an aghaidh Inbhir Nis.
Cha deach cho math dha na Leòdhasaich san dearbh fharpais is Srath Spe a' buannachadh 6-0 ann an Siabost.
Thèid na Leòdhasaich a-nise a-steach dhan phlèit.