Buidheann àiteachais ùr ga mholadh

Uain
Image caption Tha aithisg Brian Pack a' moladh crathadh a thoirt air na buidhnean àiteachais ann an Alba.

Chaidh moladh mu choinneimh Riaghaltas na h-Alba gus na buidhnean air fad aig a bheil gnothach ri àiteachas a chur còmhla.

Thàinig am beachd ann an aithisg eadar-amail bho Brian Pack, a chaidh fhastadh 'son coimhead air airgead a ghlèidheadh agus siostam rianachd nas èifeachdaiche a chruthachadh do dh'àiteachas.

Bheireadh plana Mhgr Pack SNH, Coimisean na Croitearachd, Coimisean na Coilltearachd agus Roinn Àiteachais an Riaghaltais, am measg bhuidhnean eile, còmhla mar aon bhuidhinn.

"Tha sinn ag iarraidh gun dèan Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh air buidheann ùr a chruthachadh. 'S e buidheann a bhiodh ann dhan luchd-cleachdaidh leis an amas fàs a thoirt air roinn an àiteachais," thuirt an aithisg.

Cnap-starra

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil cnap-starra ann an-dràsta le Achd Dìon an Fhiosrachaidh, a tha a' fàgail nach urrainn dha na diofar bhuidhnean a th' ann fiosrachadh a roinn eatorra.

Nam biodh aon bhuidhinn ann, tha e ag ràdh, cha bhiodh a dhìth ach aon stòr-dàta nàiseanta leis an fhiosrachadh air fad.

Tha iad a' cumail a-mach gum biodh e na b' fhasa an uair sin dhan bhuidhinn ùir fearann a riaghladh is a làimhseachadh agus nas lugha de dh'obair-pàipeir ann do thuathanaich is croitearan.

Tha an aithisg cuideachd a' moladh mìneachadh a bharrachd do chroitearan air carson a tha iad gan taghadh 'son sgrùdadh air an fhearann aca, is rabhadh dà là co-dhiubh mus tèid an sgrùdadh a dhèanamh.

Ceist

Thog Dòmhnall Dòmhnallach, a tha na chroitear agus a bha roimhe air bòrd Caidreachas na Croitearachd, ceist mu mholaidhean na h-aithisg.

"Ma tha an Riaghaltas airson croitearachd agus a' bhuannachd a th' ann an croitearachd dhan Ghàidhealtachd a chumail a' dol, cumaidh iad Dualchas Nàdair na h-Alba agus Coimisean na Coilltearachd air falbh bho riaghladh croitearachd airson chan eil fa-near dhan aon aca ach a bhith a' fàsachadh talamh croitearachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir cothrom a thoirt do Coimisean na Croitearachd ceithir bliadhna eile a chur a-staigh feuch ciamar a dhèanadh iad a' chùis an uair sin, agus 's dòcha an uair sin, sùil a thoirt air, no 's dòcha an ceann deich bliadhna, sùil a thoirt air," thuirt e.

Thathas a' tuigsinn gu bheil Mgr Pack airson is gum bi deasbad ann mu na molaidhean aige is e an dùil fianais a bharrachd a chruinneachadh mus tèid an aithisg mu dheireadh air a' ghnothach fhoillseachadh sa Chèitean an ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile