Bochdainn connaidh nas miosa air an tuath

Barabhas
Image caption 'S ann sna h-Eileanan Siar as motha a tha bochdainn connaidh, a rèir an sgrùdaidh.

Tha aithisg ùr bho Cholaiste Dhùthchail na h-Alba ag ràdh gu bheil fianais aca gu bheil mòran dhaoine air feadh na dùthcha a' fulang air sgàth bochdainn connaidh.

Tha iad ag ràdh gur iad na h-Eileanan Siar aon de na sgìrean as motha a tha a' fulang.

Tha cha-mhòr 60% de dhaoine nas sine na 60 bliadhna dh'aois ann an sgìrean a-muigh air an dùthaich beò ann am bochdainn connaidh.

Tha seo an taca ri 45% ann am bailtean mòra na h-Alba.

Anns na h-Eileanan Siar, tha an àireamh aig 76% - an àireamh as motha ann an Alba.

Tha ùghdarran na h-aithisg air poileasaidhean iarraidh an aghaidh bochdainn agus tha iad ag iarraidh slatan tomhais a dh'obraicheadh na b'fheàrr do sgìrean a-muigh air an dùthaich.

Tha iad cuideachd ag ràdh nach eil na dòighean anns a bheilear a' tomhais bochdainn gu nàiseanta air an dealbh airson sgìrean anns nach eil àireamh mhòr de dhaoine a' fuireach agus bailtean a tha sgapte.

Tha iad ag ràdh gum biodh e na bu shaoire anns an ùine fhada dòighean nas fheàrr a chruthachadh air mar a nithear tomhais air na duilgheadasan a th' ann air an dùthaich.