Dh'iomrar eadar Hiort is Port Rìgh

Am bàta agus Boraraigh Image copyright Handout
Image caption Bha an sgioba a' feitheamh trì seachdainnean air aimsir fhreagarraich.

Shoirbhich le ochdnar às an Eilean Sgitheanach a chuir rompa fhèin iomradh bho Hiort air ais a Phort Rìgh - turas ceud mìle ann an bata beag còrr 's ceud bliadhna a dh' aois.

Thug iad beagan nas lugha na 31 uair de thìde.

Thòisich an luchd-iomraidh ag ullachadh airson an dùbhlain bho chionn dà bhliadhna.

Cha robh cus eòlais aca air iomradh agus airson an iomairt aca a dhèanamh na bu duilghe buileach chuir iad rompa an turas eadar Hiort 's Port Rìgh a dhèanamh ann am bàta fiodha, 20 troimh de dh'fhaid, a thogadh bho chionn 120 bliadhna.

Fhuair i dreach ùr agus ainm ùr, an Aurora, agus aig 04:00m Dihaoine dh'fhalbh i agus an luchd-iomraidh à Bàgh a' Bhaile aig toiseach an turais mhòir.

Ach rinn an soitheach agus an criùbha a' chùis às dèidh cha mhòr là gu leth a' tarraing nan ràmh ràinig iad cala Phort Rìgh far an robh sluagh mòr air cruinneachadh a chur fàilte orra.

"'S e glè bheag de dhaoine a th' air bàta iomradh eadar na stacan-mara seo, ach na Hiortaich fhèin o shean," thuirt sgiobair a' bhàta, Donaidh MacNeacail.

"'S e an t-àm as miosa, a bhith a' tighinn thar a' Chuain Sgìth an-raoir. Thug e cho fada tighinn seachad air taigh-solais Throdaigh, agus aig aon àm bha sinn a' dol aig leth mhìle-mara san uair, 's an tìde-mhara nar n-aghaigh grunn uairean de thìde.

"Bha sinn air a bhith a' feitheamh trì seachdainnean air aimsir fhreagarraich, 's bha an aimsir foirfe - gaoth on iar, 6 m-m.s.u air ar cùlaibh fad na slighe eadar Hiort agus Caolas na Hearadh an-raoir.

"Bha an tìde-mhara againn ceart, 's bha trì uairean de thìde a bharrachd againn leis an tìde-mhara, 's a' tighinn a-steach an-diugh, a' tighinn sìos seachad air Eilean Thuilm, bha a' mhuir mar ghlainne, 's a' ghrian a' deàrrsadh. Cha b' urrainn na b' fheàrr!"

Tha iomairt an luchd-iomraidh mar thà air còrr agus £10,000 a thogail do dha bhuidhinn charthannais - Institiùt Nàiseanta nam Bàtaichean-teasairginn agus Luchd-cùraim Òga an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse.

Ach ged a dh'fhaodadh iadsan beagan fois a ghabhail tha sgioba eile a' trèanadh air thoiseach air dùbhlan eile - fear nach do rinneadh riamh - a' dol eadar na Hearadh 's Hiort - nan snàmh.