Sgeama nan gèadh ga leudachadh
- Published
Tha croitearan ann an Leòdhas is na Hearadh a' dèanamh toileachas leis an naidheachd gun tèid sgeama spadaidh nan gèadh a leudachadh dha na h-eileanan aca as t-Earrach an ath-bhliadhna.
Thòisich sgeama pìleat mar-thà ann an Uibhist is Arcaibh gus smachd a chumail air àireamh nan gèadh, is iomagain ann mun chron a tha iad a' dèanamh air talamh àiteachais.
Fon sgeama seo, tha feòil nan gèadh ga reic ann an Uibhist is coltas ann gu bheil fèill mhòr air a bhith oirre air feadh nan Eilean Siar.
Sgrùdadh
Sheall sgrùdadh an-uiridh gu bheil cha-mhòr 6,000 gèadh ann an Leòdhas is na Hearadh a-nis.
Mairidh an sgeama ùr trì bliadhna, leis an amas àireamh nan gèadh a ghearradh gu eadar 2,500 is 3,000.
"S e naidheachd mhòr a th' ann. Tha daoine air a bhith a' gearan mu dheidhinn na trioblaid a tha iad air a bhith ag adhbharachadh agus tha fios againn leis na h-àireamhan, mar a tha iad ag èiridh, gur ann nas miosa a tha cùisean a' dol," thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair.
Thuirt e gum feum daoine tuigsinn carson a bhios na h-eòin gan spadadh.
"Tuigse"
"Tha aig a' choimhearsnachd ri tuigse carson a dh'fheumas seo a bhith air a dhèanamh. Ged a tha croitearan is tuathanaich is feadhainn a tha a' cleachadh fearainn a' faicinn na trioblaid a tha a' tighinn nan cois, 's dòcha nach eil daoine eile cho mothachail air an sin," thuirt e.
Thuirt Mgr MacÌomhair gu bheilear an dòchas gun tig cead an fheòil a reic gu h-ionadail, mar a tha a' dol air adhart ann an Uibhist.
Tha dùil gun tòisich an spadadh ann an Leòdhas is na Hearadh as t-Earrach an ath-bhliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 3 An t-Ògmhios 2014
- Published
- 14 Am Màrt 2014