"Cha dèan, chan eil, chan urrainn"

Crann
Image caption Tha Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath ag ràdh gun toireadh na crainn airgead mòr dhan àite.

Chaidh fhàgail air an MOD nach eil iad 'son còmhradh ris an fheadhainn a tha airson dà chrann-gaoithe a chur an-àirde anns a' Chlachan ann an Uibhist a Tuath.

Bha èisteachd phoblach ann mun ghnothach ann am Beinn na Fadhla Dimàirt is neach-sgrùdaidh Riaghaltas na h-Alba a' trusadh fiosrachaidh mun phlana.

Bha Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath agus Comhairle nan Eilean Siar a' bruidhinn às leth an leasachaidh, leis an MOD a' cur na aghaidh.

Tha an MOD ag ràdh gun cuireadh na crainn maill air innealan rèidear a th' aca ann an Uibhist, ged a tha an luchd-leasachaidh air tabhainn na planaichean atharrachadh gus nach toir iad buaidh air uidheamhachd an MOD.

Argamaid

"Tha mi a' smaoineachadh gun deach an argamaid a chuir a' bhuidheann leasachaidh air adhart, gun deach e uabhasach math," thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Uisdean Robasdan.

"Bha an t-eòlaiche againn gu h-àraidh math. Tha mi a' smaoineachadh gun do chuir e air adhart an argamaid agus na beachdan a tha a' tighinn bhon choimhearsnachd," thuirt e.

Thuirt Mgr Robasdan ge-tà, gun robh beachd an MOD na bhriseadh-dùil dha.

"S e sin an rud a tha car tàmailteach. Cha dèan, chan eil, chan urrainn - 's e sineach uileag a th' aca ri ràdh. Chan eil iad 'son còmhradh rinn idir a rèir choltais.

Freagairt

"Aig coinneamhan ron seo, 's e an trioblaid a bh' againn an MOD fhaighinn dhan bhòrd. Fhuair sinn dhan bhòrd iad an-diugh gun teagamh, ach 's e an aon freagairt a tha sinn a' faighinn ann an dòigh - cha dèan, chan urrainn is chan eil.

"Rinneadh an gnothach gu math soilleir gu bheil dòigh timcheall air an seo ach, a rèir choltais, chan eil iad 'son èisteachd," thuirt e.

Chaidh aithris aig a' choinneimh cuideachd nach eil rèidearan an MOD cho adhartach ri feadhainn a th' aig puirt-adhair, is iadsan comasach air eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar plèana is crann-gaoithe.

Cha chanadh an MOD ach gun robh na riochdairean aca an sàs anns na còmhraidhean agus gu bheil an gnothach a-nise ann an làmhan Riaghaltas na h-Alba.

Thèid aithisg an neach-sgrùdaidh a chur mu choinneimh Riaghaltas na h-Alba air a' cheann thall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile