Diofar sheallaidhean gam foillseachadh

Margaret Curran and Nicola Sturgeon Image copyright PA
Image caption Tha luchd-poileataigs na h-Alba air diofar sheallaidhean a chuir air chois air thoiseach air Òraid na Banrigh.

Tha luchd-poileataigs na h-Alba air diofar sheallaidhean a chuir air chois air thoiseach air Òraid na Bànrigh.

Mhìnich leas-cheannard an SNP, Nicola Sturgeon, planaichean eadar-dhealaichte airson neo-eisimileachd an dèidh referendum na Sultaine.

Thuirt i gur e bhòt "Bu Chòir" a-mhàin a bheir "an riaghaltas air a bheir i airidh" do dh'Alba.

Ge-tà, chuir Rùnaire Dhùbhlanach na h-Alba, Mairead Curran, ìmpidh air daoine bhòtadh "Cha Bu Chòir", agus an uair sin leantainn orra le bhith a' taghadh nan Làbarach san ath thaghadh choitcheann.

Laghan

Foillsichidh a' Bhànrigh na laghan a tha riaghaltas na co-bhanntachd Tòraidheach-Lib-Deamach a' moladh a thèid tron Phàrlamaid ron taghadh sa Chèitean 2015, 's i a' fosgladh na Pàrlamaid aig Westminster.

Image copyright AFP
Image caption Foillsichidh a' Bhànrigh na laghan a tha riaghaltas na co-bhanntachd Tòraidheach-Lib-Deamach a' moladh a thèid tron Phàrlamaid ron taghadh sa Chèitean 2015.

Tha Daibhidh Camshron agus Nick Clegg air a ràdh gum bi Òraid na Bànrigh, an òraid mu dheireadh ron taghadh choitcheann, ceangailte gu mòr ri obair agus gnìomhachas.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon: "Le bhith a' bhòtadh "Bu Chòir" anns an t-Sultain, thèid againn air an dùthaich a tha sinn ag iarraidh a thogail - a' leasachadh eaconamaidh agus sòisealtais làidir, agus a' cur casg air armachd niuclasach.

"Ro fhada, tha sinn air a bhith air ar cuingealachadh le co-dhùnaidhean millteach aig Westminster, le riaghaltasan nach do thagh sinn.

"Builichidh na poileasaidhean a tha an SNP airson a thoirt gu buil sa chiad phàrlamaid de dh'Alba neo-eisimileachd na cruth-atharrachaidhean air a bheil muinntir na h-Alba feumach agus airidh.

Tha Ms Sturgeon air sgrìobhadh chun an t-Seansalair, Seòras Osborne, ag iarraidh air an cothrom seo a ghabhail an cumhachd a thoirt do dh'Alba air a bhith a stèidheachadh cìs nam faraidhean adhair.

Slighe diofraichte

Thuirt Ms Curran gun taghadh na Làbaraich slighe dhiofraichte.

"Tha an teachdaireachd a th' agamsa a-diugh sìmplidh," thuirt i.

"San t-Sultain, is urrainn do dhaoine thar Alba air fad dealachadh a dhiùltadh agus an uair sin, nas lugha na bliadhna o an-dràsta, riaghaltas Làbarach a thaghadh.

"Anns a' chiad Òraid Bànrigh, reothaidh sinn prìsean dealain gus teaghlaichean a tha ag obair gu cruaidh a chuideachadh.

"Cuiridh sinn cìs air bònasan bhancairean gus na mìltean de dhaoine òga air feadh Alba a chur air ais a dh'obair, tillidh sinn a' chìs 50sg a tha a' dol air daoine a tha a' cosnadh còrr is £150,000, agus bheir sinn tuilleadh chumhachdan a thaobh chìsean, shochairean agus obraichean do Phàrlamaid na h-Alba.

"'S iad seo na h-atharrachaidhean a tha dha-rìribh a dhìth air Alba."