Freagairtean do dh'òraid na Bànrigh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, AFP
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhosgail a' Bhànrigh a' Phàrlamaid aig Westminster airson an 63mh turais.

Tha a' Bhanrigh air gealltanas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Alba a chumail san Aonadh ath-dhearbhadh, 's i a' fosgladh a' Phàrlamaid aig Westminster.

Thuirt a Mòrachd gun lean ministearan na RA orra "a' cur taic ris a' chùis airson Alba a bhith a' fuireach mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte".

Mhìnich òraid na Bànrigh planaichean reachdail na co-bhanntachd air thoiseach air an ath thaghadh choitcheann, agus cuideachd air thoiseach air an referendum air neo-eisimileachd na h-Alba air an 18mh là den t-Sultain.

Tha cumhachdan airson faighinn cuidhteas Bhall-Pàrlamaid a th' air an lagh a bhriseadh am measg na chaidh fhoillseachadh.

Tha Riaghaltas na Co-bhanntachd ag amas air 11 bile ùr fhaighinn tron Phàrlamaid thar na bliadhna ri teachd, mòran dhiubh air an deach iomradh a thoirt anns a' Bhuidseat mu dheireadh, leithid atharrachadh ann an siostam nam peinnsean.

Rinn an òraid ath-dhearbhadh cuideachd air miann an Riaghaltais ann an Lunnainn air Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte.

Rinn a' Bhànrigh a h-òraid agus luchd-poileataigs na h-Alba air an diofar sheallaidhean a chur air chois mu àm ri teachd na h-Alba.

Chuir labhraiche an SNP aig Westminster, Aonghas Robasdan, cuideam air a' phuing nach do rinn a' Bhànrigh iomradh sam bith mu chumhachdan ùra do Phàrlamaid na h-Alba.

Ach thuirt Rùnaire na h-Alba, Alastair MacIlleMhìcheil gum biodh buntanas air naoi a-mach às na 11 bhile a nochd san òraid ri Alba.

Na h-òraid sa Phàrlamaid, thuirt a' Bhànrigh: "Leanaidh an Riaghaltas agam orra a' buileachadh chumhachdan ùra do Phàrlamaid na h-Alba agus a' cur taic ris a' chùis airson Alba a bhith a' fuireach mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte."

Thuirt Mgr Robasdan: "Tha e iongantach nach deach iomradh idir a thoirt ann an òraid na Bànrigh air planaichean phàrtaidhean Wesminster airson na h-Alba.

"Cha deach iomradh fiù 's a thoirt air cìs nam faraidhean adhair, ged a dh'fhaodadh seo a bhith air a chur for smachd Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta, mar a dh'aidich na Tòraidhean an t-seachdain seo chaidh.

"Anns a' bhliadhna seo - a' bhliadhna as cothromaiche ann an eachdraidh na h-Alba - cha-mhòr gun d' fhuair Alba gnogadh-cinn ann an Westminster, agus gun fiù 's facal mu phlanaichean airson Riaghaltas na h-Alba a leasachadh san àr mi teachd."

Thuirt Mgr MacIlleMhìcheil gu bheil Riaghaltas na RA "a' togail air bun-stèidh làidir airson àm ri teachd soirbheachail agus brosnachail ann an Alba".

Lean e: "Bheir an reachdas seo piseach air beatha dhaoine thar na dùthcha air fad, a' toirt taic do theaghlaichean a tha a-muigh ag obair agus do ghnìomhachasan a th' aig cridhe ar n-eaconamaidh.

"Aig a' cheart àm bheir sinn barrachd taic do ghnìomhachas a' Chuain a Tuath, agus bheir sinn tèarainnteachd agus sùbailteachd do pheinnseanairean na h-Alba len cuid airgid. 'S e pasgan ioma-chuimseach a tha seo do dh'Alba agus tha mise a' cur fàilte air na h-atharrachaidhean deimhinneach a thig leis."

Thuirt Rùnaire Dhùbhlanach na h-Alba, Mairead Curran, gu bheil Alba ga fàilligeadh le riaghaltasan na RA agus na h-Alba.

Thuirt Ms Curran: "Tha riaghaltas Albannach Nàiseantach againn a tha cho beò-ghlacte leis an referendum nach eil iad a' dèanamh an còrr, agus riaghaltas san RA a tha fo stiùir nan Tòraidhean 's a th' air ruith a-mach à beachdan."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh