Adhartas do thaigh-spadaidh
- Air fhoillseachadh

Ghluais a' phròiseict airson taigh-spadaidh a stèidheachadh anns an Eilean Sgitheanach air adhart agus Raonaid Jackson ga fastadh airson a dhol os cionn a' ghnothaich.
Tha Raonaid Jackson na croitear ann an Òrbost.
Chaidh cùmhnant ochd mìosan a thoirt dhi is dleastanas oirre làrach a thaghadh a bhiodh freagarrach bho na diofar roghainnean a th' ann, agus an gnothach an uair sin a thoirt gu ìre dhealbhachaidh.
Tha taic-airgid 'son na h-obrach a' tighinn à Companaidh Coimhearsnachd an Aodainn Bhàin, Urras Coimhearsnachd an t-Sruthain, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Chaidh an taigh-spadaidh a bh' ann, ann am Port Rìgh, a dhùnadh bho chionn còrr air fichead bliadhna ach sheall aithisg an-uiridh gun robh iarrtas ann air fear ùr agus gun gabhadh prothaid a dhèanamh às.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 30 An Giblean 2014