Aithisg a' càineadh Gàidhlig nan sgoiltean

A' Ghàidhlig
Image caption Tha an aithisg ag ràdh nach eil fiù 's riaghailtean coitcheann ann tuilleadh a thaobh na tha ceart no ceàrr sa Ghàidhlig.

Tha rannsachadh ùr bho Oilthigh Obar Dheathain a' togail cheistean mòra mu staid Gàidhlig na cloinne a th' ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

'S e seo a' chiad turas a chaidh luchd-rannsachaidh a-steach gu clas a choimhead ann an dòigh sgoileireil air an t-seòrsa Gàidhlig a tha a' chlann a' bruidhinn.

Chaidh iad a-steach gu clas 5 's 6 ann an aon aonad Gàidhlig ann an sgìre Ghàidhealach thraidiseanta, far am bruidhneadh an treas cuid de mhuinntir na coimhearsnachd an cànan.

Fhuair iad gu bheil duilgheadasan mòra aig a' chloinn le gràmar, fuaimneachadh agus structar a' chànain.

Misneachd

Agus tha cuid de thidsearan nach eil a' faireachdainn misneachail gu leòr nan comasan cànain fhèin airson a' chlann a cheartachadh.

Fhuair an rannsachadh gu bheil Gàidhlig na cloinne an-diugh gu tur eadar-dhealaichte - cànan nach tuig, cha-mhòr, ginealaichean nas sine.

Thuirt aon leanaibh riutha, mar eisimpleir, a thaobh dreuchd a màthar "Tha i childminder."

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Aithisg a' càineadh Gàidhlig nan sgoiltean

Fhuair an luchd-rannsachaidh gun robh gnè nam facal gu tric ceàrr - "an gealach" seach a' ghealach.

Chuala iad cuideachd "chluinn mi e - an àite "chuala mi e", agus an àite a bhith ag ràdh "tha mi ga choimhead suas" (ann an leabhar) thuirt cuid den chloinn "tha mi a' coimhead e suas." Cuideachd "an urrainn thusa ga mo chuideachadh?"

Bha cuideachd fuaimneachadh ceàrr gu tric - leithid "tha e blath" seach "tha e blàth".

Ùine

Tha a' chlann seo 10 no 11 bhliadhna de dh'aois.

'S chan eil sin neo-chumanta. Tha tidsearan a' gearain nach eil an ùine no an t-eòlas gràmair aca-san glè thric airson a leithid a chur ceart, leis gu bheil iad cho trang a' teagaisg a' churraicealaim.

Tha an aithisg ag ràdh nach eil fiù 's riaghailtean coitcheann ann a-nise a thaobh na tha ceart no ceàrr anns a' Ghàidhlig.

A' bruidhinn ri Radio nan Gàidheal, thuirt tè de dh'ùghdarran na h-aithisg, an Dr Michelle NicLeòid, gu bheil againn ri co-dhùnadh a bheil sinn airson dèiligeadh leis na ceistean doirbh mu staid a' chànain ann am fòghlam, agus ann an craoladh.