Leòdhasaich air ais gu Cill Tharghlain
- Air fhoillseachadh

Cluichidh Camanachd Leòdhais an aghaidh Lòbhait ann am Plèit Shrath Èireann air an 28mh den mhìos.
'S e dùbhlan a bhios ann dha na Leòdhasaich, a chaill 7-1 ann an Cill Tharghlain ann an Cupa an t-Sutharlanaich na bu thràithe air an t-seusan seo.
Bidh an sgioba a nì a' chùis an aghaidh Cheann a' Ghiuthsaich no Cabair Fèidh san iar-chuairt dheireannaich.
Tha an taghadh air fad do Phlèit Shrath Èireann is Plèit Bhullough mar an leanas;
Plèit Shrath Èireann - A' Chairteal-Chuairt Dheireannach (14mh den Òg-Mhìos)
Lòbhat - Leòdhas (28mh den mhìos)
A' Mhanachainn - Loch Abar
Ceann a' Ghiuthsaich - Cabair Fèidh
Inbhir Nis troimhe dhan ath-chuairt
Plèit Shrath Èireann - An Iar-Chuairt Dheireannach (5mh den Iuchar)
A' Mhanachainn / Loch Abar - Inbhir Nis
Ceann a' Ghiuthsaich / Cabair Fèidh - Lòbhat / Leòdhas
Plèit Bhullough - An Iar-Chuairt Dheireannach (5mh den Iuchar)
Obar Dobhair - Comann Iomain Shasainn
Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Gleann Urchaidh