Tubaist air an A9
- Published
Chaidh triùir a ghoirteachadh, dithis dhuibh gu dona, ann an tubaist rathaid air an A9 air Taobh Sear Rois.
Thachair an tubaist mu 08:45m Diciadain mu mhìle gu tuath air ceann-rathaid Thomaich, faisg air Inbhir Ghòrdain.
Bha dà chàr agus bhan an lùib na tubaiste.
Chaidh boireannach a bha a' siubhail gu deas ann an càr a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis le heileacoptair is i air droch ghoirteachadh, ged nach eil i ann an cunnart a beatha.
Carbad-eiridinn
Chaidh fireannach a bha sa chàr còmha rithe a thoirt dhan ospadal le carbad-eiridinn. Chan eil esan air a dhroch ghoirteachadh.
Thugadh dràibhear a' bhana dhan ospadal cuideachd is e air a ghoirteachadh gu dona, ach chan eil e ann an cunnart a bheatha.
Cha deach dràibhear an dàrna càir a ghoirteachadh idir.
Chaidh an rathad a dhùnadh sa mhadainn ach dh'fhosgail e goirid ro mheadhan là.
Tha grunn thubaistean air a bhith ann timcheall air ceann-rathaid Thomaich, is tha luchd-iomairt a' cumail a-mach gu bheil e feumach air leasachadh.