Brown a' sireadh aonta air tuilleadh fèin-riaghlaidh

  • Air fhoillseachadh
Gòrdan BrownTùs an deilbh, AP
Fo-thiotal an deilbh,
Thuirt Mgr Brown gu bheil feum air aonta air thoiseach air an referendum.

Thuirt an seann Phrìomhaire Làbarach Gòrdan Brown gun obraich e còmhla ri pàrtaidhean eile air thoiseach air an referendum gus aonta a ruighinn air tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba.

Dh'innis e don BhBC gun robh feum air aonta air an leithid gus luchd-bhòtaidh a bhrosnachadh a bhith a' bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Dh'ullaich na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib-Deamaich uile molaidhean fa-leth airson tuilleadh fèin-riaghlaidh iarraidh do dh'Alba nam bhòtadh an sluagh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Thuirt an SNP nach tig na cumhachdan a bharrachd a tha a dhìth air Alba ach le neo-eisimeileachd.

Railidh

Thuirt na Lib-Deamaich gun robh na thuirt Mgr Brown a' tighinn a rèir na tha iadsan a' smaoineachadh, ach thathas a' tuigsinn gu bheil na Tòraidhean air am faiceall.

Tha na Nàiseantaich den bheachd nach urrainn do Phàrlamaid na h-Alba eaconamaidh na dùthcha a leasachadh agus beartas a roinn nas cothromaiche am measg an t-sluaigh às aonais neo-eisimeileachd.

Bha Mgr Brown a' bruidhinn agus Pàrtaidh Làbarach na h-Alba a' cumail railidh agus cuirm shònraichte airson taic a nochdadh don iomairt gus Alba a chumail san Rìoghachd Aonaichte.

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Johann NicLaomainn ag ràdh gu bheil an t-Aonadh a chùm maith na h-Alba.

Bha e còmhla ri ceannard a' phàrtaidh ann an Alba, Johann NicLaomainn, aig a' chuirm.

"An ceann beagan is 100 là, thig muinntir na dùthcha seo còmhla airson co-dhùnadh a dhèanamh air na tha na dàn don dùthaich, agus tha sinne den bheachd gu bheil e a chùm maith na h-Alba a bhith a' cumail oirnn nar com-pàirteachas obrach le ar nàbaidhean," thuirt Ms NicLaomainn.

"Tha Alba mar-thà na nàisean le pàrlamaid làidir aig a bheil cumhachd a thaobh nan rudan a tha dha-rìribh gu diofar do dhaoine, leithid sgoiltean, ospadail agus obraichean.

"Ach tha sinne a' creidsinn gu bheil e ciallach rudan eile a roinn mar phàirt de dhùthaich nas motha, le 60 millean duine, seach dìreach còig millean, a' toirt dhuinn na cinnt eaconamaich agus na tèarainteachd a dh'iarramaid."

'Poileasaidhean Millteach'

Ach thuirt seann chathraiche Pàrtaidh Làbaraich na h-Alba, Bob MacThòmais, gum biodh neo-eisimeileachd do dh'Alba na buannachd an dà chuid do dh'Alba fhèin agus don chòrr den RA.

"An àite dèiligeadh ri riaghaltasan Tòraidheach dha nach do bhòt Alba, bhiodh ath-chothromachadh de chumhachd eaconamach sna h-eileanan seo, air falbh o ghrèim teann Lunnainn - agus Alba neo-eisimeileach a tha a' lìbhrigeadh prògraim phoileasaidh adhartaich - buannachdail an dà chuid tuath is deas air a' chrìch," thuirt e.

"Tha luchd-bhòtaidh Làbarach cuideachd air faicinn nach eil na cumhachdan a tha pàrtaidhean an Aonaidh a' tabhainn a' dol fada gu leòr a thaobh a bhith a' neartachadh Holyrood gus an cuir i an aghaidh phoileasaidhean millteach Riaghaltas na RA, gu bhith na pàrlamaid dhan urrainn sòisealtas a chruthachadh a tha nas cothromaiche, nas beartaiche, agus le barrachd ceartais."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh