£2.2 a dh'ionnsaigh cuir às do bhochdainn connaidh
- Air fhoillseachadh

Rinn ùghdarrasan ionadail air feadh na h-Alba toileachas ri airgead bho Riaghaltas na h-Alba airson feuchainn ri cuir às do bhochdainn connaidh.
Dh'fhoillsich an Riaghaltas gun tèid £60m a roinn eadar comhairlean na dùthcha agus na h-Eileanan an Iar, anns a bheil an ìre as miosa de bhochdainn connaidh, a' faighinn £2.2m.
Tha Cathraiche Comataidh Taigheadais Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod MacLeòid, ag ràdh gum bi an t-airgead na chuideachadh, ach gu bheil tuilleadh a dhìth fhathast.
A rèir Riaghaltas na h-Alba, tha taigh ann am bochdainn connaidh ma 's e is gu bheil na daoine a tha a' fuireach ann a' cosg còrr is 10% den teachd-a-steach aca air connadh gus an taigh a chumail blath.
'S e na h-Eileanan an Iar an t-àite as miosa ann am Breatainn a thaobh bochdainn connaidh.
Seann taighean
Tha a' Chomhairle, tro Riaghaltas na h-Alba, air milleanan notaichean a chosg a' feuchainn ri taighean a dhèanamh nas seasgaire.
Ged a tha sin ag obair gu ìre, tha an àireamh de sheann taighean sna h-Eileanan na dhuilgheadas, le cosgais mhòr an lùib na taighean sin a dhèanamh an-àirde gu ìre 's gum faighear air teas a chùmhnadh annta.
Dh'innis Tormod MacLeòid gu bheil a' Chomhairle "toilichte agus taingeil" gun d' fhuairear an tuilleadh airgid bhon Riaghaltas.
"Tha e cudromach gun tèid an t-airgead a tha sin a chaitheamh a' dèanamh dhachaighean anns na h-eileanan nas blàithe agus nas dìonaiche," thuirt e.
Leis gu bheil na h-uiread de sheann dachaighean, leithid taighean-croite, sna h-eileanan, thuirt e gur e còmhdach air na ballachan a-muigh a nì diofar do dhaoine - a thaobh blàths agus airgid.
Droch shuidheachadh
"Mar phrìomhachas, thathas a' miannachadh tuilleadh 'external cladding' a chur air seann dachaighean anns nach eil 'cavity'.
"Mura faigh sinn air sin a dhèanamh, chan eil e gu bhith gu diofar dè tuilleadh a nì sinn, ach tha sinn gu bhith ann an droch shuidheachadh," thuirt e.
Ann an taighean far an deach an obair sin a dhèanamh roimhe, thathas a' faicinn shàbhalaidhean suas ri 33% ann an cosgaisean connaidh.
Thuirt Mgr MacLeòid gum feum a' Chomhairle leantainn orra a' bruidhinn ris an Riaghaltas gus sealltainn dhaibh cho mòr 's a tha na figearan a thathas a' faighinn sna sgrùdaidhean a chaidh a dhèanamh.
Thuirt e: "Tha sinn taingeil airson a' chuideachaidh a tha iad a' toirt dhuinn, ach 's e dìreach toiseach-tòiseachaidh a th' ann.
"Chan e dìreach aon sùim airgid a dh'fheumas sinne, feumaidh sinne sùim gach bliadhna a th' air thoiseach oirnn ma tha sinn a' dol a dhèanamh atharrachadh sam bith anns an t-suidheachadh anns a bheil na dachaighean."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 2 An t-Ògmhios 2014
- 16 An Giblean 2014