Niall Iain gus NY fhàgail

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Tòisichidh Niall Iain Dòmhnallach air NY2SY Oidhche Ardaoin.

Dhearbh Niall Iain Dòmhnallach gun tòisich e air an dùbhlan aige gus iomradh eadar New York is Steòrnabhagh Oidhche Ardaoin.

Cluinnear agallamh an seo a rinn sinn còmhla ri Niall Iain Diardaoin.

Tha mìos ann bho chaidh e dha na Stàitean agus tha a h-uile sian aige a-nise deiseil agus an t-sìde fàbharach.

Mhìnich e gu bheil brùthadh ìosail a bha mu 200 mìle an ear air New York air gluasad a-mach gu muir nas tràithe na bha dùil.

Tha e ag ràdh gu bheil sin a' toirt dha deagh chothrom gus adhartas mòr a dhèanamh a-mach gu muir.

Fàgaidh Niall Iain Liberty Landing Marina aig 3f Diardaoin àm ionadail (8f BST).

Abhainn Hudson

Thèid e às an sin sìos gu Abhainn Hudson, seachad air Ìomhaigh na Saoirse, agus a-mach gu muir.

"Bidh a' chiad 36 uair de thìde fìor chudromach gus dèanamh cinnteach gum faigh mi a-mach às an acarsaid agus deagh adhartas a dhèanamh sa mhuir," thuirt Niall Iain.

"Bidh iomradh air leth cruaidh orm anns na làithean ri tighinn oir bidh mi a' feuchainn ri faighinn cho fada air falbh bho thìr cho luath 's a ghabhas," thuirt e.

Tha ceithir bliadhna ann cha-mhòr bho chuir Niall Iain roimhe an turas a dhèanamh.

Tha e ag amas air na mìltean mòra a thogail do charthannas slàinte-inntinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile