5 dotair fhathast a dhìth an Loch Abar

Àird nam Murchan
Image caption Tha dragh ann taobh Siar Loch Abar gum fàg daoine an sgìre mura tèid seirbheis slàinte na sgìre a leasachadh.

Dhearbh NHS na Gàidhealtachd gu bheil còignear dhotair-teaghlaich fhathast a dhìth air taobh siar Loch Abar, bliadhna gu leth às dèidh dhan Riaghaltas modal ùr fhoillseachadh 'son seirbheisean slàinte san sgìre.

Dh'innis an Riaghaltas aig an àm gum biodh iad a' fastadh sgioba de sheachdnar dhotairean dhan sgìre is iad stèidhichte ann am Malaig agus Àth Tharracail.

'S e an dòchas a bh' aca gun gabhadh an aon seòrsa modal a chur an sàs ann an sgìrean iomallach eile ann an Alba.

Thuige seo ge-tà, chan eil NHS na Gàidhealtachd ach air dithis dhotairean fhastadh is iad a' crochadh air dotairean locum gus na tuill san t-seirbheis a lìonadh, aig cosgais mhòr dhaibh.

Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil dùbhlan mòr romhpa dotairean a thàladh a tha deònach obrachadh taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach, a bharrachd air na duilgheadasan a th' air a bhith aca bho thùs a thaobh dotairean fhaighinn do sgìrean dùthchail.

Oidhirp

Tha am bòrd-slàinte ag ràdh ge-tà, nach eil am modal ùr marbh is gu bheil iad a' cumail orra nan oidhirp na dotairean a bharrachd a tha a dhìth orra fhastadh, gus an gabh am modal a chur an sàs ann an dòigh air choireigin.

Nì iad rannsachadh ge-tà, air an t-seirbheis taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach, feuch am bu chòir dotair, nurs no luchd-eiridinn dèiligeadh ris an t-suidheachadh sin.

Thèid toraidhean an rannsachaidh a chur an uair sin air beulaibh na coimhearsnachd.

Is coltach gu bheil na daoine air fàs car searbh leis an t-suidheachadh a th' ann.

"Cha robh againn ach dotairean locum fad dà bhliadhna a-nise is chan eil sinn ag iarraidh ach seirbheis sheasmhach," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Àird nam Murchan, Rosie Curtis.

"Fàgaidh"

"Mura h-eil deagh sheirbheis slàinte againn an seo, fàgaidh daoine a' choimhearsnachd againn agus 's e sin an dragh as motha a th' oirnn," thuirt i.

Ged a tha an suidheachadh a th' ann a' togail cheistean mu phlana an Riaghaltais gus am modal a chur an sas air feadh na dùthcha, thuirt Rùnaire na Slàinte, Ailig Neil, nach eil nàire sam bith orra.

"Chan eil nàire oirrn idir oir tha sinn a' dèanamh ar dìcheill gus fuasgladh a lorg," thuirt Mgr Neil.

"Bha e duilich bho thùs dotairean a chumail an seo, chan e trioblaid ùr a tha seo, agus 's e sin as coireach gun do chuir sinn taic ris a' mhodal ùr seo agus bha sinn den bheachd gur math as fhiach fheuchainn.

"S e an trioblaid a th' ann gu bheil e duilich dotairean a thàladh gu sgìre iomallach as bith dè an t-seòrsa modail a tha sinn a' cleachdadh," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile