Hancock air Ròcal

Nick Hancock a' teannadh air Ròcal
Image caption Thàinig air Nick Hancock an oidhirp aige a leigeil às an-uiridh.

Tha Nick Hancock air Ròcal a ruighinn is e a' tòiseachadh air an dùbhlan aige gus 60 là a chur seachad air a' chreig.

Tha Ròcal còrr is 200 mìle an iar air na h-Eileanan an Iar.

Rinn Mgr Hancock, à Ratho faisg air Dùn Èideann, oidhirp air an dùbhlan an-uiridh ach cha d'fhuair e air Ròcal idir air sgàth na sìde.

Thuige seo, 's e 42 là an ùine as fhaide a chuir daoine seachad air Ròcal.

'S e luchd-iomairt bhon bhuidhinn Greenpeace a rinn a' chùis air sin ann an 1997.