Sgitheanaich ag amas air duais

An Gearasdan Image copyright SNS
Image caption Tha an Gearasdan air na farpaisean as motha san spòrs a bhuannachadh san deich bliadhna a chaidh seachad, ach 's ann air farpais ùr a tha iad fhèin is na Sgitheanaich ag amas Disathairne.

Thèid a' chiad chuairt dheireannach de sheusan na h-iomain air adhart Disathairne le Camanachd an Eilean Sgitheanaich a' dol an aghaidh a' Ghearasdain ann am Plèit MhicThàmhais.

'S e farpais ùr a tha seo a tha air tighinn às a' chrathadh a thug Comann na Camanachd air structar nam farpaisean.

Ged a chanadh cuid dh'fhaoite nach e mar sin duais ro chliùteach a th' ann, chan e sin e do sgiobair nan Sgitheanach, Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

"S e farpais ùr a th' ann agus 's dòcha nach eil e aithnichte fhathast mar thè de na prìomh fharpaisean ach 's e farpais a th' ann agus tha an dà sgioba airson a bhuinnig," thuirt Gilleasbuig.

"Chan eil e gu mòran diofair ma chanadh cuid nach eil e cho cudromach sin - tha e cudromach dhuinne agus bidh e cudromach dhan Ghearasdan agus bidh geama cruaidh ann," thuirt e.

Làidir

Tha dùil aig na Sgitheanaich gum bi sgioba làidir aca is a h-uile duine air tighinn tron gheama an t-seachdain seo gun dhragh.

Bidh an Gearasdan às aonais duine no dithis, nam measg Bryan Simpson a bhios air falbh air a phàrtaidh stag.

Tòisichidh an geama ann an Inbhir Garadh aig 2:30f.

Thèid an dà gheama mu dheireadh san dàrna cuairt de Chupa na Camanachd air adhart Disathairne cuideachd.

Tha geama tarraingeach dha-rìribh san amharc aig Cill Tharghlain far an cuir Lòbhat fàilte air Ceann a' Ghiuthsaich.

Cothrom

Tha Lòbhat air buille no dhà fhulang anns na seachdainean mu dheireadh ach le Bail' Ùr an t-Slèibh a-mach à Cupa na Camanachd bidh iad a' faicinn seo mar chothrom air leth air chupa a bhuannachadh 'son a' chiad turais bho 1953.

B' e 2006 an turas mu dheireadh a thog Ceann a' Ghiuthsaich an cupa ach tha sin fada gu leòr dhaibhsan is bidh cuimhne aca gun do chuir iad Lòbhat a-mach às an fharpais an-uiridh.

Bidh sgioba làidir aca is Friseal Rothach a-mhàin a dhìth orra, às dèidh dha pòsadh an t-seachdain seo chaidh.

Thill Raghnall Ros do sgioba Chinn a' Ghiuthsaich ann an geamaichean Chupa na Camanachd an-uiridh; saoil am faic sinn air a' phàirc e Disathairne?

Sa gheama eile sa chupa Disathairne thig Inbhir Aora gu tuath 'son a dhol an aghaidh Inbhir Nis aig a' Bhucht.

Dual

Mar a bu dual dhaibh, tha Inbhir Aora air a bhith glè mhath aig an taigh am-bliadhna is car truagh air falbh, gu dearbh tha iad air 5 à 5 a chall sa cheann a tuath.

Fiù 's aige sin, 's e dùbhlan mòr a tha seo do dh'Inbhir Nis is iad san dàrna àite bhon bhonn ann Lìog Tuath 1.

Thill Somhairle MacDhòmhnaill dhan sgioba 'son a' chiad turas am-bliadhna le tadhal an t-seachdain seo chaidh, ach gu mì-fhortanach do sgioba a' bhaile chan eil e ri fhaighinn an t-seachdain seo.

Sa Phrìomh Lìog tha Bail' Ùr an t-Slèibh aig an taigh an aghaidh Loch Abar.

Tha an lìog is Cupa MhicAmhlaidh a-nise fìor chudromach dhan Bhail' Ùr is iad air a dhol a-mach à Cupa MhicThàmhais is Cupa na Camanachd sa mhìos a chaidh seachad.

Misneachail

Ged a bhios iad às aonais grunn chluicheadaran a-rithist an t-seachdain seo bidh iad misneachail an agaidh Loch Abar, sgioba a thòisich an seusan le dòchas gu leòr, ach nach eil air geama a bhuannachadh thuige seo.

Thàinig ath-bheòthachadh iongantach air seusan Loch Abar an-uiridh ann am meadhan na bliadhna is tha iad feumach air rudeigin coltach ri sin a-rithist ma tha cothrom gu bhith aca fuireach sa Phrìomh Lìog.

Droch theansa ge-tà, gun tòisich ath-bheòthachadh aig an Eilean.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog tha dà sgioba a rinn glè mhath ann an Cupa na Camanachd an t-seachdain seo chaidh, Caol Bhòid is Gleann Urchadain, a' coinneachadh ann an Taigh na Bruaich.

Tha Lewis MacIllinneinn air ais dhan Ghleann is an casg a bh' air seachad ach bidh fios aca nach ann tric a tha Caol Bhòid a' call air a' phàirc aca fhèin.

'S e geama cudromach a th' ann do bhalaich Thaigh na Bruaich cuideachd is iad san dàrna àite bhon bhonn san lìog, is am manaidsear, Seumas Perlich, ag ràdh gu bheil feum aca air an dà phuing an seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile