Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Locarbaidh

Nì teaghlach Abdelbaset al-Megrahi, an aon duine riamh air an deach dìteadh airson bomadh Locarbaidh, oidhirp eile air cuir às dhan dìteadh sin, dà bhliadhna an dèidh a bhàs. Thèid iarraidh air Comisean Ath-Sgrùdaidh nan Cùisean Eucoir ann an Alba, sùil às ùr a thoirt air an dìteadh bho chionn 13 bliadhna. Tha an tagradh às ùr a' faighinn taic bho chuid a chaill càirdean ann an spreadhadh an itealain Pan Am 103 os cionn Locarbaidh ann an 1988.

Ola agus Gas

Thàinig sgrùdadh air gnìomhachas gas agus ola a' Chuain a Tuath gun cho-dhùnadh nach eil na companaidhean a' gabhail cus dragh mun bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd do dh'Alba orra. Rinn Seòmraichean Malairt Obar Dheathain agus Roinn a' Mhonaidh ceasnachadh air 700 companaidh. Thuirt 18% gur e deagh rud a bhiodh ann an sgaradh bhon Rìoghachd Aonaichte, agus 's e 12% a thuirt gur e droch rud a bhiodh an sin dhaibh.

Radaigeachd Islamach

Chaidh Rùnaire a' Cheartais ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Chris Grayling, às àicheadh gu bheil sgaraidhean mòra anns an riaghaltas mun dòigh air dèiligeadh ri radaigeachd Islamach. Tha eas-aonta eadar dithis de dh'àrd-mhinistearan an riaghaltais - Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, agus Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Gove, mu phoileasaidh an riaghaltais. Thuirt Mgr Gove anns a' mhadainn an-diugh ge-tà, nach eil e-fhein agus Theresa May air a dhol a-mach air a chèile idir mun chùis.

Bochdainn Connaidh

Gheibh Comhairle nan Eilean Siar còrr is £2m bho Riaghaltas na h-Alba airson dèiligeadh ri bochdainn connaidh, le £60m ga roinn eadar ùghdarrasan ionadail na h-Alba air fad. 'S ann anns na h-Eileanan an Iar a tha a' bhochdainn connaidh as miosa ann an Alba. Thuirt Cathraiche Comataidh an Taigheadais aig Comhairle nan Eilean Siar, Tormod MacLeòid, gun dèan an t-airgead feum, ach gu bheil tuilleadh a dhìth fhathast.

PPI

Fhuair rannsachadh a rinn am BBC nach tug cuid de na bancaichean as motha agus companaidhean nan càirtean creideis uimhir de dh'airgead air ais agus a bu chòir do dhaoine dhan deach ana-chreic a dhèanamh air àrachas PPI. Ged a phàigh na companaidhean a' mhòr-chuid den t-airgead, cha do thill iad idir mu £1bn de chosgaisean agus cìsean a chaidh air an luchd-cleachdaidh. Thuirt na bancaichean a tha an lùib na cùise - Barclays, Capital One, Lloyds agus MBNA - gun do rinn iad an dìcheall an t-sùim cheart a phàigheadh air ais.

Caisteal Inbhir Nis

Tha beachd a' sìor thighinn am follais gum bu chòir Caisteal Inbhir Nis a dhèanamh nas goireasaiche agus nas tarraingiche dhan mhòr-shluagh. Tha e coltach gu bheil e na bhriseadh-dùil dha na mìltean mòra de luchd-turais a tha a' dol dhan Chaisteal a h-uile bliadhna, iad faighinn a-mach nuair a ruigeas iad gur e a tha stèidhte sa chaisteal ach cùirtean-lagh a' bhaile.