Gainnead connaidh mhara an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Thog iasgairean ann an Uibhist dragh nach eil iad a' faighinn connadh mar a bu chòir.
Tha iad ag ràdh nach eil gu leòr dheth anns na tancaichean aig na cidhichean anns an eilean.
Thuirt iad gu bheil sin a' cur bacadh air an obair aca.
'S e a' chompanaidh Certas, no Scottish Fuels mar a bh' orra gu bho chionn ghoirid, a tha an urra ri bhith a' toirt a' chonnaidh mhara a dh'Uibhist à Steòrnabhagh, ann an làraidhean.
Ach is coltach nach eil na siostaman ùra anns an tancaichean air na cidhichean ag obair mar a bu chòir.
Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean siar, Donnchadh MacAonghais, gun do dh'innis iasgair dhasan gun robh aige aig aon àm ri feitheamh còig làithean air connadh.
Thuirt e, nuair a tha an suidheachadh sin a' togail ceann, gum feum na h-iasgairean rudan eile a chur air dòigh, a' cur obair agus cosgais a bharrachd orra.
A rèir Cathraiche Comataidh an Iasgaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid, tha iad gu mòr airson seo a chur ceart gun dàil, agus làn-aithne aca air cho cudromach 's a tha an t-iasgach do dh'Uibhist.