RSPB: 'Cha do mharbh sinn 22 eun'
- Air fhoillseachadh

Tha RSPB na h-Alba air a ràdh gun deach "fathannan uabhasach" a sgaoileadh, a' cur às leth a' charthannais gur iad, gun fhiosta, a dh'adhbharraich bàs 16 clamhain-ghobhlach agus 6 clamhain.
Thuirt a' charthannas gun deach an coireachadh airson na h-eòin a mharbhadh le bhith a' fàgail feòil thruaillte aig Ionad Chlamhain-ghobhlach Tollaidh, faisg air Inbhir Pheofharain.
Thuirt Poileas na h-Alba gun do dhearbh deuchainnean gur e puinnseanachadh a thug bàs do 15 de na h-eòin-creachaidh a chaidh a lorg marbh ann an Siorrachd Rois - 12 clamhain-ghobhlach agus 3 clamhain.
Diardaoin, rinn Poileas na h-Alba tagradh às ùr airson fiosrachadh mun ghnothach.
Chaidh na h-eòin mharbh uile a lorg ann an Siorrachd Rois on Mhàirt.
Thuirt Andrea Goddard, a tha na neach-obrach saor-thoileach aig RSPB na h-Alba, gu bheil na fathannan gun robh gnothach aig a' charthannas "gu tur uabhasach".
Mealladh
Thuirt i: "Chaidh na h-eòin a bh' air an puinnseanachadh uile a lorg faisg air Drochaid Sguideil, deagh astar à Tollaidh.
"Chaidh a dhearbhadh gun deach a' mhòr-chuid de na h-eòin a phuinnseanachadh gu mì-laghail agus thathar a' feitheamh dearbhadh gun deach an còrr a mharbhadh san aon dòigh.
"Tha e coltach gu bheil "luchd nam fathann" neo-ainmiche seo a' feuchainn ri buaireadh a dhèanamh agus am poball a mhealladh."
Thuirt a' Bh. Goddard nach robh gin de na clamhain-ghobhlach a tha iad a' biathadh gu cunbhalach aig Ionad nan Clamhain-ghobhlach am measg an fheadhainn a chaidh fhaighinn air am puinnseanachadh.
Tha Poileas na h-Alba ag ràdh gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn, agus gun dèan iad a h-uile càil as urrainn dhaibh airson an fhear neo an fheadhainn a mharbh na h-eòin a ghlacadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Giblean 2014
- Air fhoillseachadh17 An Giblean 2014