Niall Iain air an t-slighe

  • Air fhoillseachadh
Niall Iain DòmhnallachTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhàg Niall Iain Dòmhnallach New York Oidhche Ardaoin.

Tha Niall Iain Dòmhnallach air an t-slighe gu ruige Steòrnabhagh is e air dùbhlan NY2SY a thòiseachadh.

Dh'fhàg Niall Iain Liberty Landing Marina ann an New York aig 3f Diardaoin àm ionadail (8f BST).

Beagan uairean a thìde às dèidh sin, dh'innis Niall Iain air Facebook gun robh e air New York fhàgail air a' chùlaibh is e anns a' Chuan a Tuath.

Thuirt e gun robh na ciad uairean de thìde de dh'iomradh cruaidh ach gun robh e air deagh adhartas a dhèanamh.

Tha Niall Iain ag amas Steòrnabhagh a ruighinn san t-Sultain.

Tha e ag amas air na mìltean mòra a thogail do charthannas slàinte-inntinn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh