D-Day ga chomharrachadh
- Air fhoillseachadh

Tha comharrachadh a' dol gu bheil 70 bliadhna ann bho D-Day an uair a thòisich feachdan Breatannach agus feachdan na co-bhanntachd nan iomairt air cladaichean na Frainge.
Thòisich Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, cuirm cuimhneachaidh is e ag ràdh gur e là a bha seo a thug atharrachadh air an t-saoghal.
D-Day - Na bràithrean MacSuain
Chaidh Mgr Hollande is an Ceann-Suidhe Barack Obama aig seirbheis aig Cladh Bayeux, far an do dh'fhàg a' Bhanrigh cuideachd cuimhneachan.
Bidh na ceannardan cuideachd a' coinneachadh ri feadhainn a bha an lùib D-Day aig Ouistreham, tè de na tràighean far an deach saighdearan air tìr ann an 1944.
D-Day - Inbhir Aora
Bha Murchadh agus Alasdair MacSuain, nach maireann, à Scalpaigh am measg nan saighdearan a chaidh air tìr anns an Fhraing. Bhruidhinn iad ri Radio nan Gàidheal bho chionn 20 bliadhna.
Bha cuid de na saighdearan a bha an lùib D-Day air trèanadh a dhèanamh ro-làimh air cladaichean Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal.
D-Day - Murchadh Peutan
Bha aig aon àm suas ri 150,000 saighdear stèidhichte timcheall air Inbhir Aora is iad a' trèanadh. Tha mìneachadh a bharrachd an seo bhon Bhrigadier Iain MacPhàrlain.
Tha ùidh mhòr aig Murchadh Peutan às an Eilean Sgitheanach san Dàrna Chogadh. Thuirt e gun robh D-Day am measg fìor ghlè bheag de làithean a thug atharrachadh air eachdraidh an t-saoghail.