Cidhe Ghlinn Eilge air a chàradh
- Air fhoillseachadh

Chaidh seann chidhe Ghlinn Eilge a chàradh - rud a tha a' ciallachadh gum faigh an MV Glenachulish air cumail oirre air an t-slighe eadar am baile is Caol Reatha.
Bha droch staid a' chidhe air ceist a thogail mun t-seirbheis.
Thàinig taic-airgid £31,500 bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gus an obair a chrìochnachadh mus tòisich seusan an t-Samhraidh.
Chaidh an aiseag a pheantadh às ùr cuideachd leis na dathan a bh' oirre bho thùs.
Bidh cuirm ann, aig a' chidhe air an 27mh den Ògmhios is Camshroin Loch Iall fhèin an làthair.
Riochdachadh
Bidh e a' riochdachadh Companaidh Aiseig Bhaile a' Chaolais, aig an robh am bàta bho thùs.
'S i an Glenachulish an aon bhàta ga seòrsa a tha fhathast aig muir.
Tha clàr air a' bhàta a tha a' tionndadh gus carbadan a leigeil oirre agus a leigeil dhith - agus 's e an criubha a tha ga obrachadh.
Tha an Glenachulish air a bhith ann an làmhan na coimhearsnachd bho 2007.
Bidh timcheall air 12,000 duine a' dol eadar Gleann Eilge is Caol Reatha gach bliadhna agus tha an t-seirbheis a' cumail cosnaidh ri ochdnar.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Lùnastal 2013