Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

D-Day

Tha a' Bhanrigh am measg nan ceannardan stàit bho air feadh an t-saoghail a th' ann an ceann a tuath na Frainge an-diugh, a' comharrachadh 70 bliadhna bho D-Day, a thug atharrachadh air cùrsa an Dàrna Cogaidh. Tha a' phrìomh sheirbheis air Tràigh Sword, air an deach mòran de na feachdan Breatannach air tìr.

Newark

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil fo-thaghadh Newark na dhearbhadh air earbsa an t-sluaigh an am poileasaidh eaconomaiceach an Riaghaltais. Ghlèidh na Tòraidhean an roinn ann an Nottingham, às an do dh'fhalbh Pàdraig Mercer an dèidh sgainneal mu ghabhail airgid airson coiteachadh anns a' Phàrlamaid. Chaidh mòr-chuid nan Tòraidh a ghearradh gu leth, le gluasad mòr gu UKIP, a bha san dàrna àite. Bha na Làbaraich san treas àite agus na Libearalaich Dheamocratach anns an t-siathamh àite.

Obar Dheathain

Tha dragh air dotairean aig ionadan tubaist agus èiginn ann an Obar Dheathain gu bheil cion luchd-obrach a' cur euslainteach ann an cunnart. Thuit an àireamh àrd-dhotairean aig Infirmary Rìoghail a' bhaile bho 10 gu dhà ann am bliadhna. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Alex Neil, gun deach gealltainn dhasan gun tèid na dreuchdan a lìonadh, agus thuirt NHS Roinn a' Mhonaidh gun deach feadhainn fhastadh mar-thà.

Baile Dhubhthaich

Thèid beachd mhuinntir Bhaile Dhuthaich iarraidh air trì bun-sgoiltean agus àrd-sgoil a' bhaile a chur còmhla air an aon làrach. Tha trì roghainnean aig Comhairle na Gàidhealtachd airson na sgoile ùr - an larach air a bheil Acadamaidh Rìoghail a' bhaile an-dràsta, an làrach air a bheil Bun-sgoil Chnoc na Creige, air neo làrach ùr aig a' Chroit Mhòir, beagan an ear air a' bhaile. 'S e an ceathramh là den ath-mhìos an ceann-ùine airson beachd a chur dhan Chomhairle.

NY2SY

Tha Niall Iain Dòmhnallach, an craoladair Gàidhlig, air a shlighe à New York agus e ag amas air iomradh na aonar thar a' Chuain Shiair gu ruige Steòrnabhagh. Dh'fhàg e New York aig ochd uairean a-raoir agus e an dùil gun toir e trì mìosan air a thuras. Thuirt e air a dhuilleag Facebook gu bheil a' dol gu math leis.