Cead do thuath-gaoithe
- Air fhoillseachadh

Chaidh cead a thoirt seachad airson tuath-gaoithe connspaideach a thogail faisg air Cille Chuimein.
Cruthaichidh tuath-gaoithe Sròn na Luirge, anns am bi 67 crann, cumhachd gu leòr airson dealan a chumail ri 114,000 dachaigh.
Bha an luchd-leasachaidh, SSE, am beachd an toiseach 83 crann-gaoithe a thogail os cionn Cille Chuimein - faisg air sgeama hydro Ghleann Dotha - ach dh'aontaich iad an-uiridh meud an sgeama a ghearradh gus nach toireadh e uiread de bhuaidh air an àrainneachd.
Dh'ainmich Ministear a' Chumachd, Fearghas Ewing, gu bheil an Riaghaltas air cead a thoirt dhan phlana.
Luach
Tha an Riaghaltas ag radh gum bi luach £30m anns an sgeama thairis air 25 bliadhna agus gum faigh a' choimhearsnachd an dàrna leth den airgead sin.
Thuirt Mgr Ewing gun cuidich an sgeama a thaobh targaidean an Riaghaltas air cumhachd ath-nuadhachail.
Thuirt Urras Iain Muir ge-tà, gur ann a mhilleas an tuath-gaoithe àrainneachd a tha gu math prìseal.
Chuir a' bhuidheann Sreap Alba an aghaidh an leasachaidh cuideachd.