Corp air a lorg an Inbhir Narann
- Air fhoillseachadh

Chaidh duine a fhuaireadh marbh ann an Uisge Narann air an deireadh-sheachdain ainmeachadh gu h-ionadail mar Alasdair Friseal, 18.
Chaidh fios a chur air na poilis mu 11:00f oidhche Shathairne gun robh duine anns an uisge.
Thathas a' tuigsinn gun robh Mgr Friseal a' snàmh san abhainn.
Dh'fheuch poilis ri cobhair a dhèanamh air dithis a bha ann an duilgheadas nuair a ràinig iad an abhainn, is fireannach eile air feuchainn ris a' chiad duine a chuideachadh.
Chaidh aig fear de na daoine air faighinn às an uisge
Chaidh lorg fhaighinn air corp san abhainn feasgar na Sàbaid.
Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.
Thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Narann, Laurie Friseal, gur e buille a th' ann dhan bhaile air fad is gu bheil smuaintean mhuinntir an àite air teaghlach an duine a chaill a bheatha.