Ceann a' Ghiuthsaich troimhe

  • Air fhoillseachadh
Inbhir Nis is Inbhir Aora
Fo-thiotal an deilbh,
Rinn Inbhir Nis oidhirp mhòr aig a' Bhucht, ach bha Inbhir Aora pìos air thoiseach.

Chaidh Ceann a' Ghiuthsaich air adhart dhan chairteal-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd às dèidh dhaibh Lòbhat a chur a-mach às an fharpais ann an Cill Tharaghlain.

Cha do thill Raghnall Ross dhan sgioba mar a bha cuid air fàidheadaireachd, ach air a' cheann thall cha robh Ceann a' Ghiuthsaich feumach air.

Chaidh iad air thoiseach às dèidh 4 mionaidean tro Thòmas Borthwick.

Bha cothrom air leth eile aig Borthwick san dàrna leth ach chuir Stiùbhairt Dòmhnallach stad air slaic-peanais bhuaithe.

Cha robh an dàrna tadhal fada gun tighinn ge-tà, Savio Genini leis (66).

Beàrn

Chaidh aig Lòbhat air a' bheàrn a dhùnadh sa mhionaid mu dheireadh le tadhal bho Chaoimhin Bartlett agus gu h-iongantach theab iad an uair sin an gnothach a shàbhaladh, Iain MacNeacail ri oidhirp dìreach air an taobh cheàrr den phost anns na dìogan mu dheireadh.

Chrìochnaich e 2-1 ge-tà, is Ceann a' Ghiuthsaich a-nise aig an taigh an aghaidh Chaoil Bhòid.

Briseadh-dùil mòr do Lòbhat is coltas ann gun robh iad ag ionndrainn Greg MhicMhathain aig an aghaidh.

Sa gheama eile ann an Cupa na Camanachd, chuir Inbhir Nis an ceòl air feadh na fidhle le tadhal tràth sa gheama aca an aghaidh Inbhir Aora, Màrtainn Davidson air an targaid le slaic math fhèin (4).

Thàinig freagart sgiobalta às Inbhir Aora, Dàibhidh Mac a' Phearsain le tadhal cha-mhòr sa bhad is Niall Caimbeul an uair sin gan cur air thoiseach 2-1.

Frasadh

Bha na h-oidhirpean a' sìor-fhrasadh a-steach air tadhal Inbhir Nis ach chaidh aca air an gnothach a chumail aig 2-1 gu letheach slighe.

Chaidh Peadar Mac an t-Saoir an sàs an uair sin ge-tà, (48, 60 is 71) is e air a dhòigh às dèidh làimh is trì tadhail aige san aon gheama 'son a' chiad turais bho ghluais e bho Chill Mhàillidh gu Inbhir Aora.

Chuir Chris Crawford crìoch air a' ghnothach is Inbhir Aora troimhe 6-1 is Gleann Urchadain aca a-nise san ath-chuairt.

Bha briseadh-dùil ann do Chamanachd an Eilein Sgitheanaich ann am Pleìt MhicThàmhais is iad a' call 2-1 ris a' Ghearasdan sa chuairt dheireannaich.

Bidh na Sgitheanaich air na h-uimhir a thoirt às a' gheama ge-tà, is làmh an uachdair aca 'son treisean tron gheama.

Air thoiseach

Chuir Gordie MacFhionghuin An Gearasdan air thoiseach (33) ged a bha beachd ann gur iad an Sgitheanaich a b' fheàrr thuige sin.

Thug na Sgitheanaich an gnothach gu ùine a bharrachd le tadhal bho Jordan Murchison (77) ach 's ann aig an t-seann laoch MacFhionnghuin a bha am facal mu dheireadh, an tadhal aige ann an 95 mionaidean a' fàgail gur iad An Gearasdan a' chiad sgioba a tha air Pleìt MhicThàmhais a bhuannachadh.

Bidh cothrom aig sgioba an Eilein an gnothach a chur air an cùlaibh gu sgiobalta is iad a' dol an aghaidh Inbhir Nis Disthairne 'son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhaile Mhòir.

Sa Phrìomh Lìog, ghluais Bail' Ùr an t-Slèibh trì puingean air thoiseach air Lòbhat aig a' mhullach às dèidh dhaibh soirbheachadh 2-1 an aghaidh Loch Abair.

Tha Loch Abar ann am fìor staing aig a' bhonn is ghluais Caol Bhòid nas fhaide air falbh bhuapa le dà phuing luachmhor aig an taigh an aghaidh Ghlinn Urchadain, Ruairidh Dòmhnallach leis an aon tadhal den fheasgar.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh