Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Port-adhair Karachi

Chaidh ionnsaigh às ùr a thoirt air a' phort-adhair as motha ann am Pagastan, ann an Karachi. Tha poilis agus saighdearan air am port-adhair a dhùnadh às dèidh do luchd-gunna ionnsaigh a thoirt air acadamaidh feachd thèarainnteachd a' phuirt-adhair. Chan eil ach dà là ann bho chaidh 36 duine a mharbhadh nuair a thug Taliban Phagastan ionnsaigh air a' phort-adhair.

Jean-Claude Juncker

Dhaingnich Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, a-rithist gu bheil i airson 's gun tèid Jean-Claude Juncker a thaghadh mar cheann-suidhe ùr a' Choimisein Eòrpaich. A' bruidhinn às dèidh chòmhraidhean le Dàibhidh Camshron, a tha gu tur an aghaidh Mgr Juncker a bhith os cionn a' Choimisein, thuirt a' Bh.Ph. Merkel, nach bu chòir bagairt sam bith a bhith an lùib an deasbaid mu àrd-dhreuchd an Aonaidh Eòrpaich.

Afganastan

Chaidh còignear shaighdearan Aimeireaganach a mharbhadh ann an ceann a deas Afganastan. Tha e air aithris gun do chaill na saighdearan agus dithis Afganach a bha cuide riutha am beatha nuair a chaidh boma a leigeil orra le mearachd le itealan cogaidh Aimeireaganach.

Drogaichean Ghlaschu

Thuirt poilis ann an Glaschu gu bheil iad air fireannach a chur an grèim às dèidh dhaibh luchd mòr de dhrogaichean a lorg anns a' bhaile. Chaidh an duine, a tha 42, a chur an grèim aig seòladh air Sràid Doncaster an-dè, faisg air pàirce bhuill-choise Firhill. Thuirt na Poilis gun d'fhuaireas lorg air 31 cileagram de heroin anns an taigh, luach còrr agus £2m.

Neo-eisimeileachd

Thàinig rabhadh bho stiùirichean a' phuirt-adhair as motha ann an ear-thuath Shasainn gun cailleadh iad na mìltean luchd-siubhail gach bliadhna nam bhòtadh Alba airson neo-eisimeileachd. Tha an SNP air gealltainn gun deadh cìsean adhair a ghearradh fo neo-eisimeileachd, agus tha ceannardan puirt-adhair eadar-nàiseanta Newcastle ag ràdh gun cuireadh grunn luchd-siubhail cùl ri na puirt-adhair roinneil aca ann an Sasainn ma bha seirbheisean nas saoire ri fhaotainn ann an Alba.

Gasaichean Millteach

Sheall àireamhan ùra gun tàinig àrdachadh air na chruthaich Alba de ghasaichean blàthachaidh na Cruinne ann an 2012. Thathas a' measadh gun deach faisg air 53 millean tunna de ghasaichean millteach mar Carbon Dà-Ocsaid a sgaoileadh a' bhòn-uiridh, suas 0.8% air 2011.