Sgrùdadh mu thuath-gaoithe Shrathaidh
- Published
Feumaidh Riaghaltas na h-Alba rannsachadh poblach ionadail a dhèanamh mu phlana tuath-gaoithe mòr a thogail air mòintich shònraichte ann an Cataibh.
Chuir buill Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh a' phlana airson 47 crann a chuir faisg air Srathaidh.
Mhol oifigearan na comhairle dha buill gun gearan a thogail an aghaidh sgeama Srathaidh a Deas nan deadh ochd crann a thoirt a-mach às a' phlana.
Ach bhòt comhairlichean a' phròiseict a chuir gu rannsachadh poblach.
Briseadh dùil
Tha a' chompanaidh a tha air cùl na pròiseict, SSE Renewables, ag ràdh gum biodh a' phròiseict buannachdail dhan choimhearsnachd ionadail agus gun deadh sgìre mhònach mhòr a leasachadh nan deadh e air adhart.
Thòisich SSE Renewables a' togail tuath-gaoithe eile faisg air làimh sa Ghearran.
Tha 33 crann gu bhith ann an sgeama Srathaidh a Tuath.
Thuirt SSE Renewables gur e briseadh-dùil a bha ann an co-dhùnadh nan comhairlichean Gàidhealach pròiseict Srathaidh a Deas a chuir gu rannsachadh poblach.
"Rinnear obair chruaidh còmhla ris a' choimhearsnachd ionadail agus buidhnean rè nam bliadhna 'son a' phròiseict seo a leasachadh.
"Cuiridh a' phròiseict seo, luach £200m, ris an obair gus targaidean cumhachd ath-nuadhachail a choileanadh, agus bheir e obraichean agus airgead gu sgìre dhùthchail ann an Alba far a bheil an eaconamidh cugallach," thuirt Cailean Nicol bho SSE.
Thuirt Iar-chathraiche Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a' Tuath, Audrey Nic na Ceàrdaich, gu robh e doirbh dhaibh taic a chur ris a' phròiseict agus Dualchas Nàdar na h-Alba agus Comunn Rìoghail Dìon nan Eun air cuir na aghaidh.
"Tha an sgìre cho cudromach a thaobh àrainneachd, agus tha e cudromach sin a chumail.
"Tha e cudromach fhaighinn san àite cheart," thuirt Audrey Nic na Ceàrdaich.
Toileachas
Tha Comunn Rìoghail Dìon nan Eun ann an Alba air an dòigh gu feum rannsachadh poblach a bhith air a chumail.
Tha dragh orra-san mu bhuaidh an sgeama air eòin agus tha iad ag ràdh gun gabh a' mhòinteach ath-leasachadh gun a bhith a' cur an àrda crainn-gaoithe.
Thuirt Seòras Caimbeul bhon chathrannas gu bheil iad misneachail gun tèid an sgeama a dhiùltadh aon uair 's gun tèid e gu rannsachadh poblach.
Chuir Comhairle Choimhearsachd Shrathaidh agus Armadail taic ris an iarrtas dhealbhachaidh.
Tha companaidh eile E.ON a' sireadh cead-dealbhachaidh son pròiseict tuath-gaoithe eile san sgìre.
Tha iad-san ag iarraidh 26 crann a thogail ann an sgeama Choille Shrathaidh.
Thèid beachdachadh air an sin as t-fhoghar.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 28 An Dàmhair 2013