Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Thuit an àireamh gun chosnadh ann an Alba a-rithist, mu sheachd mìle, gu naoi fichead agus trì mìle eadar an Ghearran agus an Giblean. Tha ìre cion-cosnaidh na h-Alba aig 6.6% an aon ìre ris a' chorr den Rìoghachd Aonaichte. Thuit an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte cuideachd le beagan a bharrachd air dà mhillean agus ceud mìle gun obair. Aig an aon àm thàinig ìsleachadh mòr air an ìre aig am bheil pàigheadh tuarastal ag èirigh. Thuirt Oifis an Staitistig Nàiseanta gu bheil àrdachadh pàighidh a' tuiteam, gu follaiseach, air dheireadh air an atmhorachd.

Rowling

Chuir an t-ughdar ainmeil JK Rowling millean not de thaic ris an iomairt airson Alba a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt an t-ughdar, a tha a' fuireach ann an Dùn Èideann, gu bheil spèis aice dhan dà thaobh den deasbad ach gu bheil dragh orra mu bhuaidh neo-eisimeileachd.

Mosul

Tha e coltach gu bheil leth mhillean duine air teicheadh à baile Mosul ann an Iorac air an do ghabh buidhnean armaichte Islamach le ceanglaichean ri Al-Qaeda, smachd an-de. Rinn na fir-gunna grèim cuideachd air fearann ann an meadhan agus taobh siar Iorac agus air taobh sear Syria. Thuirt na Stàitean Aonaichte gu bheil a' bhuidhean na'n cunnart dhan sgìre air fad.

Slàinte-inntinn

Tha dotairean teaghlaich ann an Alba ag ràdh gur ann co-cheangailte ri slàinte inntean a tha an treas cuid de na cùisean ris am bheil iad a' dèiligeadh, a rèir Chomunn Slàinte Inntinn na h-Alba a rinn sgrùdadh air an t-suidheachadh. Tha deasbad air a' chùis aig co-labhairt ann an Dùn Èideann an-diugh.

Srathaidh

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba rannsachadh poblach a chumail mu phlana 'son tuath gaoithe ann an Cataibh an dèidh do chomhairlichean Gaidhealach cuir na aghaidh. Thuirt Iar-chathraiche Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a' Tuath, Audrey Nic na Ceàrdaich, nach b'urrainn dhaibh cead a thoirt dhan sgeama 'son dà fhichead 's seachd crann faisg air Srathaidh, leis gu bheil Dualchas Nàdar na h-Alba agus Comunn Rìoghail Dìon nan Eun am measg na chuir na aghaidh.

CAP

Bidh fiosrachadh aig Rùnaire an Àiteachais, Ridseard Lochhead, an-diugh mun ìre de shubsadaidh a gheibh croiteirean agus tuathanaich fo pholasaidh ùr choitcheann an àiteachais. Tha an ìre sin cudthromach oir bi i sin stèidhte 'son seachd bliadhna fon Pholasaidh ur sin.