Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionnsaighean pearsanta

Chuir Ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, moladh gu Pàrlamaid na h-Alba a ràdh gu feum stad de na h-ionnsaighean pearsanta air daoine a leigeas fhaicinn de an taobh air am bheil iad anns an deasbad mu-eisimeileachd. Chàin i cuideachd mar a dh'fhulaing an t-ughdar ainmeil, JK Rowling, agus boireannach eile, Claire Lally, droch bheul air-loidhne an dèidh dhaibh innse gu bheil iad air taobh an aonaidh. Tha dùil gun tèid an seòrsa dol a-mach seo san iomairt a thogail aig Ceistean a' Phrìomh Mhinistear an-diugh.

ISIS

Thuirt mailisidh Islamach gu bheil iad an làn dùil ionnsaigh a thoirt air prìomh bhaile Iorac, Baghdad, an dèidh smachd a ghabhail mu thràth air dà bhaile mhòr ann an ceann a tuath na dùthcha. Ghabh a' bhuidheann, ISIS, aig am bheil ceanglanan ri Al-Qaeda, smachd air Mosul agus Tikrit. Thuirt Rùnaire Cèin na Rìoghachd Aonaichte, Uilleam Hague, nach cuir Breatainn armachd an sàs ann an suidheachadh Iorac. Thuirt na Stàitean Aonaichte an-dè gu bheil iad a' beachdachadh air tuilleadh taic dhan riaghaltas Ioracach airson dèiligeadh ris an ar-a-mach.

Morgaidean

Thuirt Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, gum bu chòir do Bhanca Shasainn smachd a chuir air margaid nam morgaidsean mas dèan àrdachadh mòr ann am prìs thaighean cunnart dhan eaconomaidh gu lèir. Dh'innis Banca Lloyds agus Banca Rioghail na h-Alba mu thràth gu bheil iad a' cur casg air morgaidsean os cionn leth mhillean not.

Ceadan-siubhail

Chaidh Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, iarraidh ann an Taigh nan Comantan a fhreagairt cheistean bho nan Làboraich mu dhàil ann an dèiligeadh ri iarrtas airson ceadan-siubhail. Tha e air tighinn am follais gun do chuir an riaghaltas stad air faochadh bho sgrùdadh mionaideach air iarrtas son cead-siubhail à cuid a dhùthchanan eile a chaidh òrdachadh mar dhòigh air an t-siostam a th'ann a dhèanamh nas luaithe.

Network Rail

Dh'fhàilnich air Network Rail, 'son a cheathramh bliadhna, tighinn air an targaid a bha romhpa. Bha 90% de na trèanaichean aca air an uair ach bha Buidheann Riaghlaidh na Reidhle a' sùileachadh 92.5%. Thuirt Network Rail gur e 's coireach gu bheil fada a bharrachd dhaoine a' gabhail na trèana agus na h-àireamhan sin air a dhol suas 6% gu 86 millean.

Poilis

Tha Commandair Polas a Chinn a Tuath a' coinneachadh ri comhairlichean Gàidhealach an-diugh a dheasbad na connspaid mu pholas armaichte. Dh'aidich an Comandair Julian Innes ro'n seo gum bu chòir dha a bhith air a dhèanamh nas fhollaisaiche dhan mhòr shluagh gu bheil oifigearan polas air a' Ghàidhealtachd a' giulan ghunnachan.