Leasachadh air goireasan smàlaidh Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Carbad-smàlaidh
Fo-thiotal an deilbh,
Thig piseach air goireasan trèanaidh do luchd-smàlaidh nan Eilean Siar

Thig piseach air goireasan trèanaidh do luchd-smàlaidh nan Eilean Siar, mar phàirt de phlana a dh'fhoillsich Seirbheis Smàlaidh na h-Alba Dimàirt.

Thèid leasachadh cuideachd a dhèanamh air stèisean smàlaidh Steòrnabhaigh, far am bi goireasan ùr a dh'fhaodas am poball a chleachdadh.

Tha an t-seirbheis a' còmhradh ri companaidh Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) mu bhith a' stèidheachadh ionad trèanaidh aig port-adhair Steòrnabhaigh - a ghabhadh a chleachdadh an dà chuid le luchd-smàlaidh nan Eilean Siar agus luchd-smàlaidh nam port-adhair.

Leasachadh

Thuirt an t-oifigear smàlaidh as àirde dhreuchd anns na h-Eileanan Siar 's ann an Arcaibh 's Sealltainn, Billy MacUilleim, gur e goireas gu math cudromach a bhios an sin - a dh'fhàgas nach fheum oifigearan siubhail a dh'Inbhir Ghòrdain tuilleadh airson an trèanadh sin fhaighinn.

Thuirt e nach robh e dearbhte fhathast dè na chosgas na leasachaidhean gus an tèid na planaichean deireannach ullachadh.

Thuirt àrd-oifigear Sheirbheis Smàlaidh na h-Alba, Alasdair Hay, gu bheil coimhearsnachdan air feadh Alba airidh air seirbheisean smàlaidh aig an ìre as àirde - agus gu bheil an t-seirbheis ùr nàiseanta, a thàinig gu bith an-uiridh, nas comasaich air sin a thoirt seachad.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh