Tuilleadh chumhachdan do chomhairlean Eileanach?

  • Air fhoillseachadh
Suaicheantas Chomhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an iomairt "Ar N-Eileanan ri Teachd" air a bhith a' dol bho chionn bliadhna.

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na chur fàilte air geallaidhean Riaghaltas na h-Alba gun toireadh iad tuilleadh chumhachdan do chomhairlean Eileanach, ma bhòtas muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd.

Bha am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond ann an Arcaibh Diluain far an do dh'fhoillsich e am 'prospectus' aca.

Tha sreath chòmhraidhean air a bhith ann thar na bliadhna mu dheireadh an lùib na h-iomairt "Ar N-Eileanan ri Teachd".

Geallaidhean

Am measg na gheall an Riaghaltas tha gur e na comhairlean Eileanach iad fhèin a gheibheadh an teachd-a-steach air fad bho ghrunnd na mara - seach cuibhreann dheth mar a chaidh gealltainn roimhe.

Gheall iad cuideachd ministear a stèidheachadh air am biodh uallach airson nan Eilean.

Fo na planaichean aca, bidh e cuideachd mar dhleastanas air buidhnean poblach feairt a thoirt air feumalachdan nan Eilean nuair a bhios iad a' dealbh phoileasaidhean ùra.

Fàilte

Chuir Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, fàilte air na geallaidhean - gu h-àraidh a thaobh teachd-a-steach Oighreachd a' Chrùin - ach thuirt e gu bheil cuid de ghnothaichean eile ann a dh'iarradh iad fhathast.

"Tha rudan ann fhathast a lùigeadh sinn a bhiodh air a dhol na b' fhaide .. tha rudan ann a thaobh còmhdhail far am biodh sinn airson barrachd smachd a bhith againn air dè bha gu bhith a' tachairt a thaobh còmhdhail agus ceanglaichean eadar na h-Eileanan agus tìr-mòr anns an àm ri teachd," thuirt e.

Tha na comhairlean cuideachd air a bhith a' còmhradh ri Riaghaltas Westminster, agus tha dùil gum foillsich iadsan na bheireadh iad do na comhairlean Eileanach an ceann beagan sheachdainean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh