Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

17 An t-Ogmhìos 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iorac

Tha aithrisean ann an Iorac gu bheil feachdan reubailteach Sunni a-nis nas lugha na uair a thìde de shiubhail air falbh bhon phrìomh bhaile, Baghdad. Ghabh iad smachd na bu thraithe an-diugh air pàirtean de bhaile Baquba, mu dhà fichead mìle tuath air a' phrìomh bhaile. Tha na Stàitean Aonaichte a' cur trì cheud duine de na feachdan armaichte aca-san a dh'Iorac a chuir dìon air còirichean Americanach an sin.

Ioran

Tha Breatainn a' fosgladh a h-ambasaid ann an Ioran a-rithist agus an suidheachadh ann an Iorac a' brosnachadh càirdeas nas fheàrr eadar dùthchannan an taobh siar agus Ioran. Agus tha Ameragaidh agus Ioran - aig an robh nàimhdeas mòr dha chèile - air a bhith a bruidhinn mar-thà mun t-suidheachadh a th'ann an Iorac.

Atmhorachd

Tha àireamhan ùr an-diugh a ràdh gun do thuit an atmhorachd nas motha na bha dùil dhan ìre as lugha ann an ceithir bliadhna gu leth. Thuit an atmhorachd gu 1.5% sa Chèitean, bho 1.8% sa Ghiblean.

Bonomy

Tha còrr is trì fichead lagh agus riaghailt ùr gam moladh ann an athaisg mun dòigh sam bheileas a' dèiligeadh ri dust naoidhean ann an Alba. Chaidh Comisean Bonomy a stèidheachadh bho chionn bliadhna nuair a thàinig e am follais gun deach dust leanabain a thiodhlaigeadh aig luaithreachan Mhortonhall ann an Dùn Èideann gun fhiosda dham pàrantan. Tha pàrantan a dh'fhulaing a ràdh gun lean iad orra ag irraidh làn rannsachadh poblach.

Kenya

Thuirt polais ann an Kenya gun deach mu dheichnear a mharbhadh ann an ionnsaigh cheannairc às ùr air baile Mpeketoni. Chaidh mu leth-cheud duine a mharbhadh nuair a thug a' bhuidheann Islamach, Al-Shabab, ionnsaigh air a' bhaile aig toiseach na seachdainn.

Ròin

Thèid ath-chuinge le còrr 's dusan mìle ainm gu Pàrlamaid na h-Alba an-diugh ag irraidh stad air spadadh laghail nan ròn. Tha an ath-chuinge ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba stad a thoirt cead do thuathanas agus iasgach a' bhradain a bhith a' marbhadh ròn. Thuirt riochdaire iasgach lìn a' bhradain gur ann air a' cheum mu dheireadh a tha iad a' marbhadh ròn ach gum feum iad sin a dhèanamh son dìon a chuir air am beò-shlaint.