A9 "nas sàbhailte" ri linn chamarathan

A9 Image copyright Google
Image caption Cuirear na camarathan an sàs ann an 27 àiteannan air an rathad, a' cosg £2.5m.

Thug camarathan a bhios a clàradh an astair a bhios aig càraichean fad na slighe, an àite dìreach aon àite air an A9, ìsleachadh air an àireamh de dhaoine a bha a' dràibheadh ro luath.

Thachair seo, fiù 's ged nach eil na camarathan ag obair fhathast.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gun do chrìon an àireamh de chàraichean a bha a' dol ro luath mun chairteal-chuid eadar Peairt agus Baile Chloichridh.

Sin lùghdachadh bho fhear anns gach triùir, gu fear anns gach deichnear de dhràibhearan.

Chuir na Poilis failte air an naidheachd, ach 's ann a thuirt luchd-iomairt an aghaidh na sgeama gun robh Còmhdhail na h-Alba "a' fuireach ann an Narnia" ma bha iad a' smaoineachdainn gur ann nas sàbhailte a bha an rathad.

Thuirt iad gu bheil cho fada is tha e a' toirt dràibheadh na slighe sin a-nise 40 mionaid nas fhaide na bha e, a' fagail barrachd dhràibhearan sàraichte air an rathad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile