Teine mòintich ann am Bràigh Mhàrr
- Air fhoillseachadh

Chuir luchd-smàlaidh smachd air teine mòintich mhòr ann am Bràigh Mhàrr, a mhill deich hectaire ceàrnagach de dh'fhearann a tha le Urras Nàiseanta na h-Alba.
Thòisich an teine tràth feasgar Diciadain ann an Gleann Laoigh, air Oighreachd Loidse Mhàrr.
Dh'obraich luchd-smàlaidh còmhla ri luchd-obrach bho oighreachdan Inbhir Chall, Bhaile Mhorail, Mhàrr agus Ghleann Tanar, airson smachd a chur air an teine a mhill deich hectaire cearnagach de dh'fhearann ann an Gleann Laoigh.
Chuireadh smachd air an teine ro 7:00f oidhche Chiadain.
Chaidh a dhearbhadh madainn Diardaoin gun deach preasan braoileige a mhilleadh, am measg chraobhan mòra giuthais.
Is coltach nach deach cron mòr a dhèanamh air na craobhan mòra fhèin, agus nach do ràinig an teine àirde gheugan na coille.
Tha dragh ann gur e mì-chùram a dh'adhbharaich an teine, agus cliath bharbeque air a lorg far an robh daoine air a bhith a' campachadh.
Tha an t-Urras Nàiseanta ag iarraidh air daoine teine a sheachnadh 's iad a' campachadh, gu h-àraid nuair a bhios tart ann.
Seach gu bheil turadh agus gaoth bheag ann fhathast, agus gabhail beag teine fhathast san talamh an àiteachan, tha an luchd-smàlaidh ri faire air an sgìre.