Tosgaire ùr dhan HebCelt

  • Air fhoillseachadh
Donnchadh SiosalachTùs an deilbh, Fèis Cheilteach Innse Gall
Fo-thiotal an deilbh,
Bha dàimh eadar Donnchadh Siosalach agus an HebCelt bho thoiseach na fèis.

Chaidh am fìdhlear, Donnchadh Siosalach, ainmeachadh mar thosgaire Fèis Cheilteach Innse Gall.

Gheibh Mgr Siosalach, a thogadh faisg air Inbhir Nis, cuideachd àite ann an liosta de ghaisgich na fèise, 's iad airson urram a thoirt dha airson na rinn e ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta thar nam bliadhnaichean.

Nochd e an toiseach aig an fhèis ann an 1996 - a' chiad turas a bha i ann - is tha e air nochadh air an àrd-urlar còig tursan bhon uair sin.

Tillidh e 'son fèis na bliadhna seo eadar an 16mh agus an 19mh den Iuchar.

Air leth

"S e fèis air leth a tha san HebCelt is bidh mi daonnan ag innse do dhaoine mu dheidhinn nuair a tha mi a' siubhail timcheall an t-saoghail," thuirt Donnchadh.

"S e an diofar a-nise gum bi mi ga dhèanamh gu h-oifigeil mar thosgaire.

"Tha muinntir Leòdhais cho faisg air an fhèis agus 's e turas sònraichte a th' ann dhan eilean, làn chiùil agus cothrom coinneachadh ri seann chàirdean.

"Tha an fhèis air a bhith na pàirt de shaoghal a' chiùil sa cheann a tuath fad 20 bliadhna a-nise agus 's e tlachd a th' ann a bhith a' coimhead air mar tha i a' fàs, le cothrom ann do luchd-ciùil ùr, cho math ri feadhainn aig a bheil cliù gu h-eadar-nàiseanta," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh